#Meadhan-Latha
Explore tagged Tumblr posts
sgribhisg · 5 years ago
Photo
Tumblr media
Bho èirigh gu laighe na grèine [From dawn ‘til dusk]
Beul an latha [Daybreak]
Èirigh na grèine [Sunrise]
Madainn [Morning]
Meadhan-latha [Noon / midday]
Latha [Day]
Feasgar [Afternoon]
Oidhche [Night]
Dol fodha na grèine [Sunset]
Beul na h-oidhche [Nightfall / Dusk]
Meadhan-oidhche [Midnight] m [ante-meridiem / a.m.] f [post-meridiem / p.m.]
32 notes · View notes
tyrannuspitch · 3 years ago
Text
madainn mhath agus latha sona na grèin-stad! (no... latha sona meadhan an t-samhraidh?)
1 note · View note
sgrobailancoiseam · 2 years ago
Text
Nimrod 6 - Coda
(fo làimh)
bu latha a th’ann far sgaoil an Cruthadair na canain daoine am meadhan an crannalaich - ùrnaigh air ùrnaigh - gun freagradh no fuasgladh far fhàs beachdan, buaireanta agus ùr.
teangannean tointe thar an t-saoghal sgiosta.  shìn stuic rìgh, bog 'is sgapte. tòcanan tapachd, a thig  bho chian ‘son trèin.    * meas sgainnirichte ge bith luaths no dos slat.
fìr las, a nach spiodaidh bodha lùbte mnà neo-striòchdail a nach seinn no sin. bha gliocas ‘s faclan aca air chall. clann nach ionnsaichidh na doigh na fir.
Eader na clachan tùir, fàsaidh lusarnach fathast neo-ainmeil, le ainmean cho comhairnneach ri na dìtheanan.
_______________________________________________________
bidh seo an dàn siathamh (agus deireanach) anns an cuairt tha mi a’ sgriobhadhadh air Nimrod agus an Tùr Bhàbeil.  Tha mi a’ cliuche le foirm sonaid fhathast, ach cha bhi na dain eile sonaidean.  
Chan eil mi cinnteach air an ruitheam ann an ll-7?  Agus, a’ bheil mi a’ cleachdadh an tràth ceart leis am ‘relative pronoun’?
cuiribh mi ceart!
0 notes
scotianostra · 7 years ago
Photo
Tumblr media
On 24 November 1996 Sorley MacLean, the noted Scottish poet, died.
MacLean is widely regarded as the greatest Gaelic poet of the Twentieth Century, and he is to be credited with giving a new literary standing to a language which at times seemed close to extinction. Works include Dain do Eimhir agus Dain Eile (Poems to Eimhir and Other Poems), a selection of mainly love poems written after MacLean returned from service in North Africa in 1943, where he was wounded three times.
It's quite fitting to post his poignant poem Autumn day, both Gaelic and English translations are below. 
Latha Foghair
’S mi air an t-slios ud latha foghair, na sligean a’ sianail mum chluasan agus sianar marbh ri mo ghualainn, rag-mharbh – is reòthta mur b’ e ’n teas – mar gum b’ ann a’ fuireach ri fios. Nuair thàinig an sgriach a-mach às a’ ghrèin, à buille ’s bualadh do-fhaicsinn, leum an lasair agus streap an ceathach agus bhàrc e gacha rathad: dalladh nan sùl, sgoltadh claistinn. ’S ’na dhèidh, an sianar marbh, fad an latha; am measg nan sligean san t-srannraich anns a’ mhadainn, agus a-rithist aig meadhan-latha agus san fheasgar. Ris a’ ghrèin ’s i cho coma, cho geal cràiteach; air a’ ghainmhich ’s i cho tìorail socair bàidheil; agus fo reultan Afraga, ’s iad leugach àlainn. Ghabh aon Taghadh iadsan ’s cha d’ ghabh e mise, gun fhaighneachd dhinn cò b’ fheàrr no bu mhiosa: ar leam, cho diabhlaidh coma ris na sligean.
Sianar marbh rim o ghualainn latha foghair.
An Autumn Day.
On that slope on an autumn day, the shells soughing about my ears and six dead men at my shoulder, dead and stiff – and frozen were it not for the heat – as if they were waiting for a message. When the screech came out of the sun, out of an invisible throbbing, the flame leaped and the smoke climbed and surged every way: blinding of eyes, splitting of hearing. And after it, the six men dead the whole day; among the shells snoring in the morning, and again at midday and in the evening. In the sun, which was so indifferent, so white and painful; on the sand which was so comfortable, easy and kindly; and under the stars of Africa, jewelled and beautiful. One Election took them and did not take me, without asking us which was better or worse: it seemed as devilishly indifferent as the shells. Six men dead at my shoulder.
On an Autumn Day. translated by Sorley MacLean
60 notes · View notes
misneachdalba · 5 years ago
Text
PLANA NÀISEANTA NAN EILEAN
Tha Misneachd ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba measaidhean buaidh air cànan a thoirt a-steach do Phlana Nàiseanta nan Eilean. Bhiodh seo a’ ciallachadh gum biodh dleastanas air buidhnean poblach sgrùdadh a dhèanamh air buaidh nam poileasaidhean aca air a’ Ghàidhlig.
Tha Misneachd air seo a ràdh ann am freagairt do cho-chomhairleachadh air a’ chiad ‘Phlana Nàiseanta nan Eilean’, a tha a’ tighinn a-mach à Achd nan Eilean a thàinig an gnìomh an-uiridh.
An lùib a’ Phlana ùir seo bidh “Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean”. Chan eil e buileach soilleir fhathast ciamar a bhios iad seo ag obair, ach tha Misneachd a’ creidsinn gu bheil cothrom ann barrachd taic fhaighinn do choimhearsnachdan Gàidhlig, ma bheirear ìmpidh air an riaghaltas an-dràsta.
Chaidh measaidhean buaidh air cànan a thoirt a-steach bho chionn goirid anns a’ Chuimrigh, mar eisimpleir ann an lagh planaidh, is thathar a�� dol an aon taobh ann an Èirinn.
Tha am beachd seo mu mheasaidhean buaidh air cànain a’ nochdadh anns a’ Phlana Radaigeach airson na Gàidhlig, pàipear-molaidhean a dh’fhoillsich Misneachd as t-fhoghar an-uiridh. Anns a’ Mhàrt 2019 rinn Misneachd sreath de choinneamhan poblach air feadh nan Eileanan an Iar anns an deach beachdachadh air seo am measg phoileasaidhean eile airson an cànan a neartachadh anns na coimhearsnachdan.
Air 20mh Màrt 2019 chuir an Dr Alasdair Allan, BPA nan Eileanan Siar, ceist mun chuspair seo air Iain Swinney anns a’ Phàrlamaid: “Am beachdaich an Riaghaltas air measadh buaidh chànanach a chur air dòigh airson nam poileasaidhean aige anns na h-eileanan gus am bi brosnachadh na Gàidhlig agus nan coimhearsnachdan Gàidhlig air àbhaisteachadh ann am poileasaidh eaconamach is sòisealta san fharsaingeachd?” Ged a dh’fhreagair Mgr. Swinney nach robh planaichean aig an riaghaltas seo a dhèanamh an-dràsta, tha e cudromach gu bheil a’ cheist air a thogail.
Ann an ceistean a’ cho-chomhairleachaidh air Plana Nàiseanta nan Eilean tha luaidh air “dualchas nàdair agus cultar (a’ gabhail a-steach dualchas cànanach), nam measg feumalachdan luchd-labhairt na Gàidhlig”. Ach tha Misneachd ag ràdh nach bu chòir coimhead air a’ Ghàidhlig mar chùis dualchais a-mhàin, ach mar chuspair a tha dlùth-cheangailte ri cùisean eaconamach, leithid bun-structar, taigheadas, turasachd sheasmhach, agus cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan ionadail seach bailtean agus companaidhean mòra.
Gu h-àraid bu chòir barrachd obraichean Gàidhlig a bhith stèidhte ann an coimhearsnachdan Gàidhlig anns na h-eileanan, seach anns na bailtean mòra air tìr-mòr.
Tha Misneachd a’ toirt cuideam fa leth air na prìomhachasan a leanas, a bu chòir a bhith aig teis-meadhan poileasaidhean airson Gàidhlig anns na h-eileanan. Bidh sinn a’ foillseachadh pàipear mholaidhean air na puingean seo a dh’aithghearr:
Aideachadh gu bheil staing èiginneach fa chomhair Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd, is an cànan ann an cunnart a bheatha.
Barrachd maoineachaidh airson taic a thoirt do Ghàidhlig mar chànan dachaigh is coimhearsnachd.
Barrachd obraichean Gàidhlig anns na h-eileanan a’ gabhail a-steach (a) obraichean ùra chruthachadh (m.e. anns na meadhanan); (b) barrachd obraichean a dhèanamh ‘Gàidhlig riatanach’; (c) cuid a dh’obraichean ann am buidhnean Gàidhlig air tìr-mòr a ghluasad dha na h-eileanan, (d) barrachd taic do dh’obraichean ann an raointean traidiseanta leithid croitearachd is iasgach, (e) preantasachdan tro mheadhan na Gàidhlig.
Aithneachadh foirmeil ann am poileasaidh air na Gàidheil mar mhion-shluagh cànanach tùsanach, agus air na sgìrean Gàidhlig is na feumalachdan sònraichte aca, a’ gabhail a-steach measaidhean buaidh air cànan.
Ro-innleachd aonaichte aig ìre nàiseanta is ionadail airson foghlam Gàidhlig bho sgoiltean-àraich gus an àrd-sgoil is an oilthigh.
Gheibhear freagairt Mhisneachd gu h-iomlan an-seo: https://drive.google.com/file/d/1mfIwyB2_rgf3Yx8cHnlPh5AkPk_Bw6hy/view?usp=sharing
Tha sinn a’ brosnachadh eileanaich is luchd na Gàidhlig na freagairtean aca fhèin a chur a-steach ron cheann-latha, 26mh den Iuchar, air làrach-lìn an Riaghaltais: https://www.gov.scot/publications/plana-naiseanta-nan-eilean-agus-stiuireadh-air-measaidhean-buaidh-air-coimhearsnachdan-nan-eilean/  
Tumblr media
0 notes
misneachdalba · 7 years ago
Text
AITHRIS MHISNEACHD AIR PLANA CÀNAIN NÀISEANTA GÀIDHLIG 2018–2023
Co-theacsa
misneachd.scot/Plana-Naiseanta-Gaidhlig
Am bliadhna bha deasbad air a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ùr aig Bòrd na Gàidhlig airson 2018 gu 2023. Bha faclan taiceil ann bho luchd-poileataigs ann an gach pàrtaidh, ach is iongantach nan robh mothachadh sam bith ann air an staing a tha fa chomhair na Gàidhlig anns na h-eileanan, far a bheilear gu ìre mhòir air sgur a thoirt a’ chànain seachad dhan ath ghinealach is far a bheil làmh an uachdair aig a’ Bheurla am measg na h-òigridh, rud a tha a’ fàgail gum bi sinn a’ faicinn crìoch air a’ Ghàidhlig mar chànan coimhearsnachd taobh a-staigh ginealach no dhà mur tig atharrachadh air gnothaichean.
Chaidh seo shealltainn bho chionn cha mhòr deich bliadhna ann an aithisg air cor na Gàidhlig ann an Siabost air taobh siar Leòdhais, a rinneadh às leth Bhòrd na Gàidhlig agus Shabhal Mòr Ostaig. Sheall an aithisg seo gu bheil “toirt seachad na Gàidhlig bhon dàrna ginealach chun an ath ghinealaich – tar-chur eadar ginealaichean – air tighinn gu crìch gu ìre mhòir” fiù ’s anns na coimhearsnachdan Gàidhlig as làidire agus gu bheil “an cànan a’ tuiteam bho chèile agus faodaidh gum bi e marbh mar chànan coimhearsnachd ann an Siabost taobh a-staigh aon ghinealach no ma dh’fhaodte dà ghinealach.”
Tumblr media
Chan eil am Plana ùr a’ toirt luaidh sam bith air an rannsachadh seo agus gu dearbh cha mhòr gu bheil e a’ toirt iomradh idir air a’ ghluasad cànain bho Ghàidhlig gu Beurla a tha a’ sìor luathachadh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig. An àite sin, chan eil e a’ toirt iomradh ach air aithisg air a’ chunntas-sluaigh bho 2011 a leig fhaicinn gu robh crìonadh a’ chànain a’ tachairt na bu shlaodaiche na bha e roimhe sin. Gun teagamh ’s e rud sealadach a tha sin, agus leis gu bheil a’ mhòr-chuid de na 50,000 duine no mar sin aig a bheil Gàidhlig ann an Alba a’ buntainn do na ginealaichean as sine agus nach eil còrr is beagan cheudan de chloinn gan togail le Gàidhlig san dùthaich air fad (a-rèir cunntas-sluaigh nan sgoilearan ann an sgoiltean poblach ann an 2014), tha e soilleir gu bheil sinn faisg air oir na creige a thaobh àireamhan an luchd-labhairt agus gum bi tuiteam mòr ann anns na cunntasan-sluaigh a tha ri tighinn.
Tha cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach, a’ sgrìobhadh ann am facal-toisich a’ Phlana, “Tha mi an dòchas … gum bi barrachd dhaoine de gach aois a’ cleachdadh na Gàidhlig nuair a thig 2023.” Tha fhios gur e an dearbh chaochladh a thachras le cinnt leis mar a tha cùisean a’ dol an-dràsta. Tha Misneachd a’ creidsinn gu bheil somaltachd is dìth mothachaidh den t-seòrsa seo a’ dèanamh cron air a’ chànan is a luchd-labhairt agus gur e a’ chiad cheum ann a bhith a’ lorg fhuasglaidhean a neartaicheas a’ Ghàidhlig mar chànan coimhearsnachd a bhith ag aithneachadh cho èiginneach is trom-chùiseach ’s a tha an staing a tha fa chomhair a’ chànain is a luchd-labhairt.
Tha sinn a’ faicinn nan Gàidheal a’ dol a-mach à bith mar bhuidheann eitnea-chànanach fa leth am broinn iomadachd cultaran na h-Alba. Airson a’ chiad uair ann an eachdraidh na h-Alba, bidh dùthaich againn a dh’aithghearr anns nach eil àite sam bith far a bheil a’ Ghàidhlig mar chànan àbhaisteach na coimhearsnachd.
Bu chòir dhan cho-theacsa eachdraidheil toirt oirnn smaointinn. Dìreach ceud gu leth bliadhna air ais, ann am meadhan an naoidheamh linn deug, bha na milleanan de Ghàidheil uile gu lèir air feadh Alba, Èirinn, an Eilein Mhanainnich agus anns na coimhearsnachdan thall thairis ann an Aimeireagaidh a Tuath is eile. Bha barrachd Gàidheil anns an t-saoghal na cuid de bhuidhnean cànanach aig a bheil dùthchannan neo-eisimeileach an-diugh. Anns an ochdamh linn deug bha cumhachd phoileataigeach nach bu bheag aig na Gàidheil ann an co-theacsa na Roinn-Eòrpa mar a sheallas ar-a-mach nan Seumasach agus an t-aramach Èireannach ann an 1798. Nach ann air na Gàidheil a thàinig an dà latha is sinn a’ faicinn nach eil ach beagan deichean de mhìltean dhiubh air am fàgail ann an Alba is an Èirinn an-diugh.
Tha an sgoilear urramach an Dr Iain MacAonghuis air ethnocide (sgrios-cinnidh) a ràdh ris na pròiseasan a dh’fhàg gun do chaill a’ mhòr-chuid de na coimhearsnachdan Gàidhealach an cànan is an dualchas. Tha sinne a’ creidsinn gu bheil e cothromach a ràdh gur e an ceum mu dheireadh san sgrios-cinnidh cànanach seo a th’ anns an dìth gnìomh bhon riaghaltas is a’ phàrlamaid a thaobh na Gàidhlig a chìthear an-diugh, ged as e somaltachd is dearmad, seach geur-leanmhainn oifigeil, a’ tha ga thoirt gu buil an-dràsta. Tha an riaghaltas seo, a tha air a bhith ann an cumhachd bho 2007, mar sin air ceann dol à bith aon de mhion-shluaghan cànanach tùsanach na h-Alba, agus cha mhòr gu bheil e air adhartas sam bith a dhèanamh ann a bhith ag aithneachadh dhùbhlain is a’ cur fhuasglaidhean an gnìomh, taobh a-muigh de bhith a’ leudachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an tomhas.
misneachd.scot/Plana-Naiseanta-Gaidhlig
Tumblr media
0 notes