#sa ghàidhlig
Explore tagged Tumblr posts
catgriosaich · 4 months ago
Text
tha mi air déan ceithir leasanan/seachdainean de "gáidhlig ann an dá sheachdain deug" a-nis 😁😎
6 notes · View notes
relnicht · 1 year ago
Text
okay tha fios am gu bheil a h-uile duine a' smaoineachadh gu bheil an hebridean baker air leth pìosail agus gu bheil iad uile a' dol às an ciall air a sgàth ach dè mu dheidhinn pàdruig (am fear ris a bheil e còmhla)?? ciamar a chanas tu 'he could get it' sa ghàidhlig
3 notes · View notes
pieofdeath · 2 years ago
Text
Halò! Is mise... Pìos no Pie, tha mi smaoineachadh. 'S e an-diugh an seachdamh Cèitean agus tha mi a' dèanamh "là bruidhinn do chànan"
Chan eil mi eòlach air leth nam faclan a sgrìobh mi, chan eil mi ach còigead latha a-staigh air Duolingo. Tha mi a' bruidhinn Gàidhlig na h-Alba!
Tha mi an dòchas gum bi fàilte orm!
1 note · View note
preservationofnormalcy · 1 year ago
Note
Halo halo - bha mi airson conaltradh a dhèanamh riut guys, oir tha cùis caran “neo-àbhaisteach” agam. Chan eil a h-uile rud a tha mi a’ feuchainn ri sgrìobhadh a’ tighinn a-mach sa Bheurla, ach an àite sin seòrsa de dhualchainnt Ghàidhlig. Agus chan eil e fiù’s a’ tighinn a-mach gu math – tha caraid agam a’ toirt sùil air (a’ sgrùdadh beul-aithris na Gàidhlig airson bith-beò, an aon adhbhar a b’ urrainn dhomh aithneachadh sa chiad àite), agus a rèir choltais tha a h-uile seantans air a droch chur ri chèile agus meall gràmair. Rinn e coimeas eadar e agus a bhith air a chuir tro google translate. Tha seo air a bhith a’ dol air adhart airson na trì latha a dh’ fhalbh, agus b’ fheudar dhomh tòiseachadh a’ cur dheth obair. Comhairle sam bith?
Sure hope this means you can read english.
Did you get approached by someone weird asking if they can have your "idiolect"? Fae will sometimes use large words to obfuscate the nature of their request. I've heard of this before, where someone will lose their ability to speak their native tongue, and it typically gets replaced by something kind of half-baked.
Send your contact info to the NASC, they'll take it from there.
23 notes · View notes
mali-umkin · 6 months ago
Text
Bha mi a' leughadh postan gnàth mu "pàganachd Ghàidhlig/Cheilteach"- tha fios agaibh uile dè tha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn - agus bha na daoine ag ràdh gu bheil tha iad ag ionnsachadh Gàidhlig a chionn 's gu bheil iad ag iarraidh "bruidhinn ris na seann diathan anns a' chànan a thuigeas iad". An uair sin bidh iad a' bruidhinn mu dhiathan a bha ann ron chòigeamh linn. Gu dearbh, bha crìonadh pàganachd mean air mhean, ach Gàidhlig? A charaidean, cha tuigeadh diathan pàganach 10 sa cheud den Ghàidhlig, agus tha mi glè fhialaidh
5 notes · View notes
anarchotolkienist · 7 days ago
Note
Hello
(Duilich airson mo gaidhlig! Ged a tha mi bhon Gaidhealtachd, chan eil mi air sgriobhadh sa chanan airson bhliadhanaichan. Ach or a tha thu ga bruidhinn bha mi ag iarraidh feuchainn)
Bha mi direach ag iarraidh a innse dhut gu bheil dha "manuscripts" airson The secret commonwealth anns an Leabhair-lann Naiseanta na Alba (ref: Adv.MS.34.6.9 agus MS.5022) agus foadaidh thu a dol a steach airson gad leughadh soar an asgaidh. Tha iad gu math inntinneach or tha idea eadar-dhealaichte bho cheil.
Ò, mìle taing, tha sin inntinneach! Bheir mi sùil orra gun teagamh.
Agus chan fheum thu leisgeul sam bith a dhèanamh as leth do chuid Ghàidhlig sgrìobhte, oir thuig mi a h-uile facal gun trioblaid.
1 note · View note
anarcho-sgathach · 5 months ago
Text
Tha mi airson sgrìobhadh ‘sa Gàidhlig. Tha mi airson nobhailean agus òrain agus dàin a sgrìobhadh ‘sa Gàidhlig. Tha mi airson “tha gaol agam ort” a ràdh ri mo bhean ‘sa Ghàidhlig. Tha mi airson mo bheatha a chaitheamh ‘sa Ghàidhlig.
0 notes
misneachdalba · 11 months ago
Text
FREAGAIRT MISNEACHD AIR BILE NAN CÀNAN ALBANNACH
Tumblr media
Tha Misneachd air freagairt mhionaideach a sgrìobhadh air Bile nan Cànanan Albannach a tha ro Chomataidh Foghlam, Cloinne agus Dhaoine Òga Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta.
Tha sinn a’ fàilteachadh na bile san fharsaingeachd agus a’ creidsinn gur e ceum cudromach air adhart a th’ innte a thaobh stiùireadh nas làidire bhon riaghaltas air ro-innleachd poileasaidh nàiseanta na Gàidhlig, a’ neartachadh foghlam Gàidhlig, agus a’ cruthachadh chothroman ùra gus ceann a’ mhaide a chumail ris an riaghaltas, Bòrd na Gàidhlig agus ri buidhnean poblach eile.
Aig an aon àm dh’fhaodadh a’ bhile a bhith na bu làidire ann an cuid a dh’àiteachan. Bidh tòrr an crochadh air mar a bhios an riaghaltas a’ cleachdadh nan cumhachdan ùra a tha anns an lagh a thaobh fo-reachdas, riaghailtean agus ro-innleachdan reachdail, agus dè an ìre maoineachaidh a bhios ri fhaighinn airson diofar raointean san àm ri teachd. Tha Misneachd ag iarraidh air an Riaghaltas barrachd soilleireachd a thoirt seachad cho luath ’s a ghabhas air na gnothaichean seo.
’S e a’ phàirt as ùire den bhile Earrann 4 a tha a’ dèiligeadh ri ‘sgìrean cànain sònraichte’, a’ coileanadh gealladh an riaghaltais gus ‘Gàidhealtachdan’ oifigeil aithneachadh. B’ urrainn dha na sgìrean seo a bhith air an sònrachadh ann an sgìrean far a bheil sgilean Gàidhlig aig co-dhiù 20% den t-sluagh, far a bheil foghlam Gàidhlig no gnìomhachd Ghàidhlig eile stèidhichte, no far a bheil ceangal eachdraidheil no cultarail ris a’ Ghàidhlig. Tha e coltach, mar eisimpleir, gum b’ urrainn an dà chuid na h-Eileanan Siar agus Glaschu an inbhe seo fhaighinn.
Tha Misneachd a’ cur fàilte air an inbhe ùir seo a tha a’ daingneachadh a’ phrionnsabail gu bheil feumalachdan sònraichte aig diofar sgìrean, fhad ’s a thathar ag aithneachadh gur e cànan nàiseanta a th’ anns a’ Ghàidhlig aig an aon àm.
’S e an duilgheadas a th’ ann leis an earrainn seo nach eil e soilleir dè bhios an inbhe seo a’ ciallachadh no dè seòrsa ghoireasan, structaran-taic agus guth coimhearsnachd a bhiodh ann, nam biodh sìon, aig ìre nas ionadail na ìre na sgìre chomhairle.
Tha Misneachd air dreachd leasachaidh a sgrìobhadh gu chur an àite Earrann 4 sa bhile, stèidhichte air siostam nan sgìrean planaidh cànain ann an Èirinn fo Achd na Gaeltacht 2012. Bhiodh seo a’ sònrachadh aonadan cruinn-eòlach ionadail, anns na h-Eileanan Siar co-dhiù, a bhiodh co-shìnte ri uàrdaichean taghaidh na comhairle, agus bhiodh plana cànain coimhearsnachd, co-dhiù aon oifigear leasachaidh làn-ùine, agus buidseat ionadail anns gach sgìre. Tha sinne a’ moladh buidseat de co-dhiù £150,000 sa bhliadhna do gach sgìre, no £2.7 millean sa bhliadhna do dh’Alba air fad.
“’S e suim mhòr a th’ ann an taca ri na tha ga chosg air leasachadh coimhearsnachd Gàidhlig an-dràsta, ach meadhanach beag an taca ri buidseat na Gàidhlig uile gu lèir, gun luaidh air an sporan phoblach san fharsaingeachd,” thuirt an Dr Christopher Lewin, ball de Mhisneachd agus neach-acadaimigeach a chuidich gus freagairt na buidhne a sgrìobhadh, agus a tha a’ fuireach ann an sgìre Gaeltacht ann an Èirinn an-dràsta.
“Tha sinn ag aithneachadh gu bheil staing eaconamach ann, ach tha cosg ann gun a bhith a’ toirt airgid a-steach dha na coimhearsnachdan seo, agus tha luchd na Gàidhlig airidh agus feumach air tòrr a bharrachd taic.”
Fo na molaidhean againn, bhiodh e cuideachd mar dhleastanas air comhairlean sgìrean a shònrachadh far a bheil 20% den t-sluagh a’ bruidhinn na cànain, seach a bhith roghainneil, mar a tha e sa bhile an-dràsta.
Tha freagairt iomlan Misneachd ri leughadh an seo: https://rb.gy/6sykqd, agus tha sinn a’ brosnachadh an t-sluaigh gus an uiread freagairtean a chur a-steach ron cheann-latha, 8mh Màrt.
Tha pàipear rannsachaidh leis an Dr Lewin mu leasachadh cànain sa choimhearsnachd ann an Èirinn agus ann an Alba ri leughadh anns an iris Scottish Affairs. Tha tionndadh saor an asgaidh ri leughadh an seo. “Cha bhi cothrom mar seo ann a-rithist fad ùine mhòir, ma bhios gu bràth,” a thuirt an Dr Lewin. “Feumar a’ bhile seo a neartachadh uiread ’s a ghabhas, agus ìmpidh a chur air an riaghaltas maoineachadh iomchaidh a chur seachad.”
0 notes
logaidh · 3 years ago
Link
Chapters: 1/1 Fandom: Doctor Who (1963) Rating: General Audiences Warnings: Creator Chose Not To Use Archive Warnings Relationships: Second Doctor/Jamie McCrimmon Characters: Second Doctor (Doctor Who), Jamie McCrimmon Additional Tags: Gaelic Language, Love Confessions Summary:
'S e latha slaodach a th' ann air a' Thardis agus tha ceist chudromach aig Seumaidh.
8 notes · View notes
tyrannuspitch · 4 years ago
Text
AGUS tha an t-aimsir grànda an t-seachdain seo :/ tha i sgòthach agus fliuch a-rithist ach chan eil an t-uisge ann. chan eil i blàth no fuar. chan eil i ach liath is brònach
1 note · View note
sgribhisg · 4 years ago
Link
A new Gaelic graphic novel from Bradan Press, coming in September 2021:  Creatures magical and human, worlds strange and familiar, fantasy and a touch of horror. The debut graphic novel from Cape Breton author-artist Angus MacLeod is a collection of a dozen tales inspired by old stories, history, and ancient beliefs of the Gaels and the author’s imagination. Illustrated in black-and-white.
Creutairean draoidheil is daonnail, saoghalan céineach is aithnichte, fantasachd le fiamh uabhais. Sgrìobte ‘sa Ghàidhlig, tha dusan sgeulachdan ghoirid ‘sa chiad nobhail grafaig aig dealbhadair-sgrìobhadair Aonghas Mac Leòid á Ceap Breatainn. Tha buaidh nan seann sgeulachdan, eachdraidh ‘is seann chreideamhan a bhuineas do na Gàidheil agus mac-meanma an ùghdair ri ‘m faighinn ann an gach sgeul. Air an tarraing ann an dubh is geal.
42 notes · View notes
catgriosaich · 11 months ago
Text
rudeigin inntinneach mu dheidhinn an cànan jèrriais: tha iad ag ràdh “þ” airson “r”, dìreach coltach ri iomadh luchd na gàidhlig
mar eisimpleir:
fraingis: mère (mathair)
jèrriais: méthe
fraingis: lire (leugh)
jèrriais: liéthe
fraingis: saint laurent
jèrriais: saint louothains
3 notes · View notes
relnicht · 9 days ago
Text
cha toil leam cur a-steach dha obraichean Gàidhlig oir feumaidh tu an cover letter a sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla😩 dìreach leig leam a sgrìobhadh sa Bheurla no sa Ghàidhlig a-mhàin pls, tha obair gu leòr an lùib sin
1 note · View note
gaidhlig-tv · 4 years ago
Photo
Tumblr media
ANN AN 2022, RIATANACH FHATHAST. OPPORTUNITY FOR CHANGE.
“Chan eil mi a’ coimhead air tbh sa Ghàidhlig airson Beurla a leughadh." Robbie Andrew MacLeòid - mar fhreagairt air MG ALBA
Chaidh bloga ùr MG Alba a sgaoileadh fad is farsaing air mo Twitter agus Facebook ann an 2015. Ged a tha gàidhlig.tv air fìor dheagh fhreagairt sgaoileadh, bu mhath leam fhèin mo ghuth a chur ris agus puing no dhà a thogail. Aig a’ cheann thall, cha deach na prìomh cheistean a tha agam fhèin agus gu leòr eile am freagairt ann am blog MG Alba. Seo agaibh mo bheachdan.
Mar fhreagairt air MG ALBA
Fo ‘Rùn BBC Alba’ tha sgrìobhte sa bhloga MG ALBA: “Tha BBC ALBA ag amas air a bhith a’ frithealadh luchd-cleachdaidh na Gàidhlig mar sheirbheis bhunaiteach agus a bhith feumail bho àm gu àm tron t-seachdain do fheadhainn aig nach eil Gàidhlig.” Ma 's e amas a tha sin, tha sin a’ fàgail nach eil daoine leis a’ Ghàidhlig na phrìomh amas aig MG Alba aig amannan tron t-seachdain. Tha na ceudan sianailean [Beurla] ag amas air a bhith feumail, an-còmhnaidh, don fheadhainn aig nach eil a’ Ghàidhlig. Tha gach sianail eile san t-saoghal ag amas air daoine aig nach eil a’ Ghàidhlig. Chan eil mi a’ coimhead air BBC Alba, air TBh sa Ghàidhlig, airson Beurla a chluinntinn agus a leughadh.
Tha bloga MG Alba a’ tòiseachadh na tha aca ri ràdh mu fho-thiotalan le: “Chan eil fo thiotalan sam bith air naidheachdan no prògraman chloinne – prògraman bunaiteach do Ghàidheil - agus chan eil iad air spòrs nas motha.” Ach, mar a tha air aideachadh ann am bloga MG ALBA fhèin nas fhaide air adhart, cha bhiodh an dùil ri fo-thiotalan a-rìamh air naidheachdan no spòrs a tha beò. Agus thathar a’ bruidhinn sa Bheurla tro phrògraman spòrs co-dhiù. Bheil iad son fo-thiotalan a chur air a’ Bheurla? Chan eil fo-thiotalan sam bith air prògraman chloinne, tha MG ALBA ag ràdh. Uill, cha chreid mi gun tèid aig luchd-amhairc Pheppa Pig air fo-thiotalan a leughadh ann an cànan sam bith! Feumaidh mi ràdh gur e na tha fo “Carson a tha iad loisgte a-steach?” a tha dhà-rìreabh gun chiall. “Tha na fo-thiotalan loisgte a-steach don dealbh gus nach bi cnapan-starra mu choinneimh an luchd-coimhid.” …ach luchd-coimhid leis a’ Ghàidhlig. An e seo e? Chan eil aig MG ALBA ach an aon argamaid seo airson fo-thiotalan Beurla loisgte. Dè mu dhèidhinn fo-thiotalan àbhaisteach, mar a th’ aig iomadach seanail eile: fo-thiotalan a thèid an cur am falach? Tha MG ALBA a' cumail a-mach: “Tha fo-thiotalan [Beurla] eadar-theangachaidh loisgte a-steach san dealbh nas èifeachdaich na fo-thiotalan air falach air cùl na deilbh a tha feumach air inneal-làimh obrachadh airson an toirt am follais air an sgrion.” Feumaidh ’s gu bheil an comas aig a’ mhòr-shluagh inneal làimhe a chleachdadh son TBh a chur air, a chur dheth, agus airson seanailean a thaghadh. Mar sin, chaninn ’s gu deidheadh aca air inneal làimhe a chleachdadh airson na fo-thiotalan a thoirt am follais. A-rithist, tha MG Alba air cnag na cùise a sheachnadh: “Tha iad [fo-thiotalan Beurla loisgte] nan cuideachadh gu h-àraid dhan fheadhainn nach biodh comasach am prògram a leantainn às an aonais, nan luib teaghlaichean far nach eil Gàidhlig aig a h-uile duine.” Cha chreid mi gu bheil mòran ann a tha an aghaidh comas fo-thiotalan (roghainn) a bhith ann idir. Chan ann mu sin a tha a’ mhòr-chuid feargach, ach mun ghainnead taghaidh. “Tha iad [fo-thiotalan Beurla loisgte] mar fhàilte don chànan agus a’ cuideachadh ri bhith togail blàths agus deagh rùn a’ mhòr-shluaigh." ?! “Tha mi fhìn [ceannard MG ALBA] agus – cuiridh mi geall - mo cho-oibrichean an lùib an fheadhainn ris an còrdadh e gu pearsanta nam biodh ar suidheachadh cho treun ’s gum b’ urrainn dèanamh às an aonais.” Dè, suidheachadh na Gàidhlig? Nach eil an dleastanas aca taic a chumail ris a’ Ghàidhlig? “Ach tha fo-thiotalan ann am Beurla a’ fuasgladh ar prògraman gu daoine nach eil fileanta sa chànan agus dh’fhaodadh luach agus buannachd tighinn chun chànain ri linn.” Uill, tha sinn fhathast a’ feitheamh rannsachaidh a dhearbhas a leithid. Cha tug mi an aire dha na mìltean luchd-taic rugbaidh a tha a-nis ag ionnsachadh sa chànan. Ach seall: “Ach, mar a thuirt sinn san aithisg, bu chòir an roghainn a bhith aig an neach-cleachdaidh an cur am falach…” Sin e dìreach! Stadaibh an sin. … “…agus thèid obrachadh air fuasgladh teicnigeach a lorg ma tha e idir comasach.” Ò, agus tha e comasach.
Aig deireadh an latha, tha sinn an dùil gum bi BBC Alba a’ craoladh ann an dòigh a tha iomchaidh agus taiceil dhan a’ Ghàidhlig agus muinntir na Gàidhlig. Thèid fuasgladh teicnigeach a lorg. Tha e comasach a-nis. Carson nach eil e againn? Robbie Andrew MacLeòid - Chaidh an aiste seo a sgrìobhadh an toiseach le Robbie air Tumblr 14/07/2015 Tha seo ceangailte ri bloga oifigeil MG ALBA, sgrìobhte le Domhnall Caimbeul – Co-chomhairle MG ALBA 2015 agus barrachd air seirbheisean taic airson luchd-coimhid - ri fhaighinn aig mgalba.com Tha rannsachadh a' sealtain gun dean fo-thiotalan Gàidhlig feum do luchd-ionnsachaidh Agus tha rannsachadh ann a tha a' sealtainn mar a nì fo-thiotalan Beurla - mòr-chànan - cron.
Audio
Liza Storey 09/09/2014 - chan e sianal Gàidhlig a th’ ann
Pairt I: Aonghas Dubh MacNeacail 12/12/2014 - ceistean mu BhBC ALBA a' sparadh Beurla oirnn! Sgur dhe!
Mairead Mairi Mhoireach 06/01/2015 - beachd a’ BhBC
Pairt II: Aonghas Dubh MacNeacail 07/01/2015 - còirichean nan Gàidheal
Pàirt III: Aonghas Dubh MacNeacail - Ghetto? Bu chòir nàire a bhith air MG ALBA
3 notes · View notes
culbertsons · 5 years ago
Photo
Tumblr media
Cairtean airson Latha nan Dadaidh agus a’ coimhead air http://www.theboyandthebunnet.com/ sa Ghàidhlig.
1 note · View note
sgrobailancoiseam · 2 years ago
Quote
Chan eil beachdan ùr ann, chan eil ach modhan am feuchainn ùr ann - modhan an sgrùdadh ciamar a fidrich na beachdan sin a’ fuirinn madainn DiDòmhnach aig seachd uair, dèidh bruinte, rè gaol faol, a’ dèanamh cogadh, a’ breith leanabh, ag amhragh ar maraibh...
Audrre Lorde, Chan e Bàrdachd Sògh   (a chur sa ghàidhlig)
1 note · View note