#Naidheachdan
Explore tagged Tumblr posts
sgribhisg · 5 years ago
Link
Scottish Gaelic on Duolingo.
44 notes · View notes
anarchotolkienist · 3 years ago
Text
Feels very disrespectful of BBC Naidheachdan to "correct" the Gaelic people speaking use. If he said 'so' he said 'so', not 'mar sin', and it feels like you're babying a 60-something man, as if he didn't know about 'mar sin' and choose to speak in a way that's more natural to him. Like c'mon everyone uses 'so' all the time
9 notes · View notes
mali-umkin · 4 years ago
Text
It's my first time understanding a full tweet/video from BBC Naidheachdan I am so emotional 🥺
14 notes · View notes
gaidhlig-tv · 4 years ago
Photo
Tumblr media
ANN AN 2022, RIATANACH FHATHAST. OPPORTUNITY FOR CHANGE.
“Chan eil mi a’ coimhead air tbh sa Ghàidhlig airson Beurla a leughadh." Robbie Andrew MacLeòid - mar fhreagairt air MG ALBA
Chaidh bloga ùr MG Alba a sgaoileadh fad is farsaing air mo Twitter agus Facebook ann an 2015. Ged a tha gàidhlig.tv air fìor dheagh fhreagairt sgaoileadh, bu mhath leam fhèin mo ghuth a chur ris agus puing no dhà a thogail. Aig a’ cheann thall, cha deach na prìomh cheistean a tha agam fhèin agus gu leòr eile am freagairt ann am blog MG Alba. Seo agaibh mo bheachdan.
Mar fhreagairt air MG ALBA
Fo ‘Rùn BBC Alba’ tha sgrìobhte sa bhloga MG ALBA: “Tha BBC ALBA ag amas air a bhith a’ frithealadh luchd-cleachdaidh na Gàidhlig mar sheirbheis bhunaiteach agus a bhith feumail bho àm gu àm tron t-seachdain do fheadhainn aig nach eil Gàidhlig.” Ma 's e amas a tha sin, tha sin a’ fàgail nach eil daoine leis a’ Ghàidhlig na phrìomh amas aig MG Alba aig amannan tron t-seachdain. Tha na ceudan sianailean [Beurla] ag amas air a bhith feumail, an-còmhnaidh, don fheadhainn aig nach eil a’ Ghàidhlig. Tha gach sianail eile san t-saoghal ag amas air daoine aig nach eil a’ Ghàidhlig. Chan eil mi a’ coimhead air BBC Alba, air TBh sa Ghàidhlig, airson Beurla a chluinntinn agus a leughadh.
Tha bloga MG Alba a’ tòiseachadh na tha aca ri ràdh mu fho-thiotalan le: “Chan eil fo thiotalan sam bith air naidheachdan no prògraman chloinne – prògraman bunaiteach do Ghàidheil - agus chan eil iad air spòrs nas motha.” Ach, mar a tha air aideachadh ann am bloga MG ALBA fhèin nas fhaide air adhart, cha bhiodh an dùil ri fo-thiotalan a-rìamh air naidheachdan no spòrs a tha beò. Agus thathar a’ bruidhinn sa Bheurla tro phrògraman spòrs co-dhiù. Bheil iad son fo-thiotalan a chur air a’ Bheurla? Chan eil fo-thiotalan sam bith air prògraman chloinne, tha MG ALBA ag ràdh. Uill, cha chreid mi gun tèid aig luchd-amhairc Pheppa Pig air fo-thiotalan a leughadh ann an cànan sam bith! Feumaidh mi ràdh gur e na tha fo “Carson a tha iad loisgte a-steach?” a tha dhà-rìreabh gun chiall. “Tha na fo-thiotalan loisgte a-steach don dealbh gus nach bi cnapan-starra mu choinneimh an luchd-coimhid.” …ach luchd-coimhid leis a’ Ghàidhlig. An e seo e? Chan eil aig MG ALBA ach an aon argamaid seo airson fo-thiotalan Beurla loisgte. Dè mu dhèidhinn fo-thiotalan àbhaisteach, mar a th’ aig iomadach seanail eile: fo-thiotalan a thèid an cur am falach? Tha MG ALBA a' cumail a-mach: “Tha fo-thiotalan [Beurla] eadar-theangachaidh loisgte a-steach san dealbh nas èifeachdaich na fo-thiotalan air falach air cùl na deilbh a tha feumach air inneal-làimh obrachadh airson an toirt am follais air an sgrion.” Feumaidh ’s gu bheil an comas aig a’ mhòr-shluagh inneal làimhe a chleachdadh son TBh a chur air, a chur dheth, agus airson seanailean a thaghadh. Mar sin, chaninn ’s gu deidheadh aca air inneal làimhe a chleachdadh airson na fo-thiotalan a thoirt am follais. A-rithist, tha MG Alba air cnag na cùise a sheachnadh: “Tha iad [fo-thiotalan Beurla loisgte] nan cuideachadh gu h-àraid dhan fheadhainn nach biodh comasach am prògram a leantainn às an aonais, nan luib teaghlaichean far nach eil Gàidhlig aig a h-uile duine.” Cha chreid mi gu bheil mòran ann a tha an aghaidh comas fo-thiotalan (roghainn) a bhith ann idir. Chan ann mu sin a tha a’ mhòr-chuid feargach, ach mun ghainnead taghaidh. “Tha iad [fo-thiotalan Beurla loisgte] mar fhàilte don chànan agus a’ cuideachadh ri bhith togail blàths agus deagh rùn a’ mhòr-shluaigh." ?! “Tha mi fhìn [ceannard MG ALBA] agus – cuiridh mi geall - mo cho-oibrichean an lùib an fheadhainn ris an còrdadh e gu pearsanta nam biodh ar suidheachadh cho treun ’s gum b’ urrainn dèanamh às an aonais.” Dè, suidheachadh na Gàidhlig? Nach eil an dleastanas aca taic a chumail ris a’ Ghàidhlig? “Ach tha fo-thiotalan ann am Beurla a’ fuasgladh ar prògraman gu daoine nach eil fileanta sa chànan agus dh’fhaodadh luach agus buannachd tighinn chun chànain ri linn.” Uill, tha sinn fhathast a’ feitheamh rannsachaidh a dhearbhas a leithid. Cha tug mi an aire dha na mìltean luchd-taic rugbaidh a tha a-nis ag ionnsachadh sa chànan. Ach seall: “Ach, mar a thuirt sinn san aithisg, bu chòir an roghainn a bhith aig an neach-cleachdaidh an cur am falach…” Sin e dìreach! Stadaibh an sin. … “…agus thèid obrachadh air fuasgladh teicnigeach a lorg ma tha e idir comasach.” Ò, agus tha e comasach.
Aig deireadh an latha, tha sinn an dùil gum bi BBC Alba a’ craoladh ann an dòigh a tha iomchaidh agus taiceil dhan a’ Ghàidhlig agus muinntir na Gàidhlig. Thèid fuasgladh teicnigeach a lorg. Tha e comasach a-nis. Carson nach eil e againn? Robbie Andrew MacLeòid - Chaidh an aiste seo a sgrìobhadh an toiseach le Robbie air Tumblr 14/07/2015 Tha seo ceangailte ri bloga oifigeil MG ALBA, sgrìobhte le Domhnall Caimbeul – Co-chomhairle MG ALBA 2015 agus barrachd air seirbheisean taic airson luchd-coimhid - ri fhaighinn aig mgalba.com Tha rannsachadh a' sealtain gun dean fo-thiotalan Gàidhlig feum do luchd-ionnsachaidh Agus tha rannsachadh ann a tha a' sealtainn mar a nì fo-thiotalan Beurla - mòr-chànan - cron.
Audio
Liza Storey 09/09/2014 - chan e sianal Gàidhlig a th’ ann
Pairt I: Aonghas Dubh MacNeacail 12/12/2014 - ceistean mu BhBC ALBA a' sparadh Beurla oirnn! Sgur dhe!
Mairead Mairi Mhoireach 06/01/2015 - beachd a’ BhBC
Pairt II: Aonghas Dubh MacNeacail 07/01/2015 - còirichean nan Gàidheal
Pàirt III: Aonghas Dubh MacNeacail - Ghetto? Bu chòir nàire a bhith air MG ALBA
3 notes · View notes
medaler602 · 2 years ago
Text
Bidh Redmi 11A uidheamaichte le prìomh chamara 50-megapixel
Bidh Redmi 11A uidheamaichte le prìomh chamara 50-megapixel agus camara selfie 5-megapixel. Cha deach mion-fhiosrachadh mu phrìs an inneil seo fhoillseachadh fhathast; Ach tha dùil gun tèid a chuir air bhog le tag prìs timcheall air 100 iùro. Tha an rannsachadh againn ann an Zomit a’ sealltainn gu bheil an t-seirbheis Google Discover, a chaidh a shìoladh air 10 Samhain às deidh a’ phròiseas sìoladh aplacaidean is seirbheisean mòr-chòrdte, a-nis ri fhaighinn le luchd-cleachdaidh le IP Iran.
Anns an dà mhìos a dh’ fhalbh, chaidh mòran de àrd-ùrlaran eadar-nàiseanta a shìoladh agus chan eil iad rim faighinn ann an Ioran. Chaidh cuid dhiubh, a’ gabhail a-steach LinkedIn, Skype, agus an App Store, a shìoladh às deidh greis, agus cuid eile, leithid Instagram, WhatsApp, Google Play Store, agus cuid de sheirbheisean Google, fhathast air an sìoladh.
A-nis, anns an liosta de sheirbheisean gun sìol, is urrainn dhuinn iomradh a thoirt air seirbheis biadhaidh naidheachdan snasail Google, ris an canar Google Discover, a tha air a bhith ri fhaighinn le luchd-cleachdaidh le IPan à Ioran gun fheum air VPN bhon latha an-diugh (22 Samhain). Chuir Behnaz Arya, ceannard Coimisean Aonadh Ciùird Coimpiutaireachd Afta ann an roinn Tehran, ann an còmhradh le dàimh poblach na buidhne seo, an cèill na dùbhlain a thig am bàrr mar thoradh air aimhreit eadar-lìn agus sìoladh leantainneach. Bha Arya den bheachd gu robh teicneòlas na phàirt riatanach de bheatha làitheil agus beòshlaint dhaoine, a bharrachd air gnìomhachasan mòra is beaga agus gnìomhan sònraichte, agus mhìnich i am milleadh a rinn mì-thèarainteachd an raoin teicneòlais mar a leanas:
0 notes
mcgregorbowes · 8 years ago
Link
BBC Alba on #Kirkmichael restoration.
0 notes
socialmediaalbaglasgow · 8 years ago
Text
Là Twitter na #Gàidhlig 2017 sna naidheachdan! #GaelicTwitterDay in the news
Là Twitter na #Gàidhlig 2017 sna naidheachdan! #GaelicTwitterDay in the news
Seall aithris air Là na #Gàidhlig am bliadhna leis a’ BhBC. Tha e a’ tòiseachadh aig 19:28 agus a’ ruith airson 3 mionaidean. Stad an ceangal seo feasgar a-màireach.
Gaelic Twitter Day report starts at 19:28 and lasts for 3 minutes. The link is valid until tomorrow afternoon!
Bha alt air an làrach-lìn aig a’ BhBC air foillseachadh san fheasgar.
An article was publishedon the BBC Naidheachdan…
View On WordPress
0 notes
clargaidhlig · 8 years ago
Text
Cùil Lodair le Fionnlagh MacLeòid - BBC Radio nan Gàidheal
Cùil Lodair - foillsichte ann an Dìomhanas - Ùr-Sgeul/CLÀR
Èist ri seo! http://www.bbc.co.uk/programmes/b08lkpy0
Agus na faclan gu h-ìseal!
Tumblr media
Cùil Lodair le Fionnlagh MacLeòid
(ann an Dìomhanas, foillsichte le Ùr-Sgeul/CLÀR, 2008)
Cha bhithinn-s’ air a chluinntinn mura bitheadh gun robh e air Radio nan Gàidheal a’ mhadainn ud. Eadar Smuain na Maidne agus An Aimsir dh’ainmich iad gun robh blàr gu bhith air a chur, tràth feasgar a-màireach, air raon Chùil Lodair. Faisg air Inbhir Nis, thuirt iad. Agus gun robh an t-aiseag a’ dèanamh turas sònraichte eadar Steòrnabhagh agus Ulapul am feasgar sin fhèin.
Cha bu mhath a b’ fheàirrde sinn na dh’òl sinn air an aiseag cheudna. Cha do ghluais mi fhìn is Iain às a’ bhàr bho sheòl i. Thug sinn dhinn na claidhrean ’s chuir sinn iad fon t-seat. Ged a bha mise mar a bha, ’s ann air an uisge-bheath’ a bha mi – ach thòisich esan air an ruma dhubh, ’s chan eil càil idir cho suarach ri hangover an ruma dhuibh a’ dol a-steach dhan chath. Thòisich an t-sabaisd mus robh sinn càil ach a-mach à Loch Steòrnabhaigh. Bha dithis oirre à Siadar an Rubha ’s iad a’ falbh chun nan rigs. ‘Seall air na h-amadain sin,’ thuirt fear dhiubh ’s e a’ sealltainn a-nall an taobh a bha sinne. ‘Seall air na h-amadain sin, a’ falbh a chogadh airson poofter de dh’Eadailteach. Pàpanach ann am fèileadh.’
Uill, a bhalaich, ma thubhairt. Leum sinn orra. ‘Claidheamh-mòr,’ dh’èigh Iain, ach thuirt mise ris gun dèanadh na dùirn fhèin an gnothaich. Chaidh an ceathrar againn suas chun a’ bhoatdeck ’s siud sinn nan cràic ’s thug sinn slacadaich mhath air a chèile ann an sin airson greis, gus mu dheireadh gun leig iadsan roimhe. Thurchair do dh’fhear de luchd an rèidio a bhith shuas gu h-àrd, ag òl na gaoithe, ’s chunnaic esan an t-sabaisd. ‘An canadh sibh gur e samhla tha seo air mar a tha an latha a-màireach a’ dol?’ ars esan ’s a mhic aige ri ar bus. ‘Dè rud?’ ars Iain. Iain cho geur ’s cho luath a bharrachd ormsa. Cha bhithinn-s’ air smaoineachadh air a seo gu bràth. ‘Dè rud,’ ars Iain, ‘an e gun robh Gàidheil an ugannan a chèile?’ ‘Chan e,’ arsa fear a’ mhic, gun e fhèin anabarrach luath, ‘ach gun tug sibhse a-mach a’ bhuaidh.’ ‘Gabhaidh mi iongantas,’ fhreagair Iain, ’s thill sinn sìos dhan a’ bhàr, còmhla ri balaich Shiadair. ‘Tha sùildhubh ort,’ thuirt Iain nuair a shuidh sinn.
Bha am bàr a’ brùchdadh le muinntir a’ Chomuinn a’ dol gu coinneamh dhan Òban. Bha a’ choinneamh an toiseach gu bhith an Inbhir Nis ach chuir iad i dhan Òban ri linn ’s an ùpraid a bha gu bhith timcheall Inbhir Nis a-màireach.
Thàinig na naidheachdan air an rèidio mus do ràinig sinn Ulapul. Bha fear aca shìos air an raon aig Cùil Lodair agus thug e cunntas air dè an seòrsa àite a bh’ ann. ‘Achadh còmhnard,’ ars e fhèin, ‘le beagan thaighean mun cuairt. Mòinteach fhraoich is ballachan cloiche. Cò shaoileadh,’ chriochnaich e, ‘na tha de Ghàidheil òga eireachdail gu bhith nan laighe marbh mun àm sa a-màireach fèar far a bheil mise an-dràsta na mo sheasamh?’ Dh’inns e mar a bha an rèidio an dùil fiosrachadh a chumail ris an luchd-èisteachd mar a bhiodh an là a-màireach a’ dol air adhart . . . le OB, no Outside Broadcast Unit, shìos air an raon.
Agus gum biodh ceathrar no ’s dòcha còignear cruinn anns an stiùidio gus beachdachadh air cùisean mar a bha iad a’ dol air adhart. Dh’inns e gun robh oifis na tìde a’ gealltainn slinnteach ghrànda de ghlìbheid bhon àird an ear, co-dhiù son a’ chiad cheann dhen là a-màireach.
Dh’fhuirich sinne air leann an oidhche sin anns a’ Royal Highlander – gu h-àraid seach gun robh sinn air beathaichean a dhèanamh dhinn fhìn air an aiseag na bu tràithe air an latha. Bha leth-dhùil is dòchas gu nochdadh e fhèin. Agus dh’fheith sinn is dh’fheith sinn na h-uairean gus aon bhoillsgeadh fhaighinn air, no fiù ’s suathadh ri iomall a chuid aodaich. Ach cha robh sin gu bhith. Bha dà shagart ag ùrnaigh aig peilear am beath’, a’ guidhe gun deigheadh an là a-màireach le na Gàidheil. ‘Thug thu bhuam gach nì a bh’ agam . . .’ bha fear a’ seinn thall aig a’ bhàr le a dheòir sìos a lethcheann. Ach ged a bha ar sùil air doras an residents’ lounge, cha do nochd mo liagh ’s m’ fhearsaoraidh. Bha i a-nise a’ fàs anmoch, ’s na sagartan a’ cumail orra mar gu faigheadh iad èisteachd . . . Agus gu seo bha mo shùil fhìn gu dhol fodha. ‘Faic an dithis sin,’ ars Iain. Bha esan a’ dol fhathast, ged a bha snuadh na h-easlaint’ air, a thoradh air ruma nan tràlairean. ‘Faic an dithis sin,’ ars esan a-rithist, mar a bhios duine a’ dèanamh ann an sgeulachd, ‘ag achanaich full-out gu sgrios Dia sgiobadh Shasainn a-màireach.’ ‘Dè eile dhèanadh iad?’ arsa Catach caol a bha na shuidhe mu ar coinneamh ag òl glainne mhòr Drambuidhe. ‘Dè mu dheidhinn,’ ars Iain, ‘gu bheil padres inbheil Shasannach gu dìleas a’ cur asta fhèin leis an aon ghlaodh bhon taobh-san?’ ‘Dè mu dheidhinn sin?’ ars an Catach. ‘Tha,’ ars Iain, mar a bhitheas e, ‘g’ eil e a’ cur Dia ann am fìor mhox ach cò dha a bheir e a’ bhuaidh.’ ‘Thèid a’ bhuaidh leis a’ cheart,’ thuirt
fear thall aon taobh. ‘Theid a’ bhuaidh leis an neart,’ fhreagair fear beag maol, ’s brùchd aige, ’s e fèar air a thighinn a-mach às an dining room. ‘Gu dearbh,’ ars esan, ‘cha tàinig na chops ud orm fhìn, ge b’ e cò am bùidsear bhon d’ fhuair iad iad.’ Ghabh mi fhìn orm a ràdh, ‘Thèid a’ bhuaidh an taobh a chaidh a chur sìos anns an leabhar mhòr leis an Tì tha riaghladh, ro thoiseach an t-saoghail.’ Uill, a dhuine, na rinn na daoine ud de ghàireachdainn. ‘’S mi nach creid,’ thuirt Iain, ‘nach do rinn an sgleog a fhuair thu mun t-sùil beagan criothnachaidh air d’ eanchainn.’ Cha robh dùil a’m gun robh daoine air a dhol cho buileach fineachail.
Aig bòrd leotha fhèin bha dithis a bh’ air a thighinn à oilthigh. ‘’N dùil an e Cùl Lodair a th’ ann?’ ‘No Cùil-Lòdair?’ ‘Dè mu Cùil-Fhodair?’ ‘’S ann a tha e bho Cuidh,’ thuirt fear neulach à Sgoil Eòlais na h-Alba. ‘Cuidh, mar Cuidhsiadar . . . Lìonacuidh.’ Agus sheinn e, ‘Ann an Lìonacuidh ri tàmh, leabaidh bhàn ri sàil na mara.’ Cha tuirt duine an còrr.
Sin, ma-thà, an seòrsa oidhche dhòigheil a bh’ againne, gun ghuth air an là a-màireach. ‘Tà,’ ars Iain, ‘tha mise fhathast gun mo chlaidheamh a ghleusadh.’ Le sin theich sinne taobh na leapa, ach tha e coltach gun robh an fheadhainn eile an-àirde gu eadar ceithir ’s a’ còig. Agus bha sin glè ghòrach ’s am blàr romhpa tràth an ath latha. ‘Sin sinn, ma-thà,’ thuirt Iain am bàrr na staidhre, ‘sweet dreams.’ Le gàire. Cha robh mi ann gus an cuala mi fuaim stàilinn ’s e a’ ruspaigeadh air a chlaidheamh. ’S an uair sin sàmhchair.
Fhuair sinn lioft sìos pìos seachad air Bail’ an Loch ’s choisich sinn an còrr dhen t-slighe. Bho dheireadh ràinig sinn a’ mhòinteach lom seo. ‘Na teich bho mo thaobh air do bheatha bhuan’: sin an aon rud a thuirt Iain. ‘Ma thilleas tu às m’ aonais, cùm dìon air Mary Ann,’ thuirt mise ris-san. ‘Agus, Iain . . .?’ ‘Dè?’ ars esan – agus sin am facal bho dheireadh a chuala mi a’ tighinn às a bhilean. ‘Iain . . . Ma chì thu mi air m’ fhìor leòn . . . Iain, tha fhios agad dè nì thu.’
Ach cha b’ ann mar sin a thachair. Thòisich an onghail ’s an èigheachd . . . Chan fhaca tu a leithid ’s na bu tig an latha a chì. Bha sinne thall air taobh a deas arm nan Gàidheal – aig outside-right, mar gun canadh tu. Aig aon àm bha am Morair Seòras, le a cheann maol, na sheasamh cho faisg dhomh ’s a tha thu fhèin an-dràsta. Bha sinne a’ dol air adhart, agus am balla cloich an taobh thall dhinn – beagan dìon, bha sinn an dùil. Ach, fhearaibh, fhearaibh, sinn a bh’ air ar mealladh ’s air ar brath. Mastaigean nan con air nach dèan teanga luaidh . . . na Caimbeulaich mheallta a-staigh am broinn nam ballachan. Mi fhìn is Iain nar ruith . . . na biodagan a’ dol . . . nuair a dh’fhairich mi mo ghàirdean a’ toirt breab às, ’s an uair sin e slaodte rium na bhloigh. Agus èighe Iain ri mo thaobh, ’s mus do sheall mi rium fhìn bha e marbh aig mo chasan. Shlaod mi mi fhìn am measg nam marbh . . . Shìn mi greis am measg an fhraoich. Ach bha daoine a’ ruith thairis orm gun sgur.
Shìos pìos bhuam mhothaich mi do chairt mhòr agus rinn mi oirre air mo spògan. Dè bha seo ach OB Unit a’ BhBC ’s i air a dhol am bogadh. ’S iongantach mun do mhothaich cuideigin aca dhomh, oir chaidh mo shlaodadh a-steach agus copan cofaidh ann an copan polystyrene a chur dhan aon làimh a ghluaisinn. ‘Tourniquet!’ dh’èigh fear. ‘Faigh tourniquet! Seall air a’ ghàirdean aige.’ ‘Dè a’ Ghàidhlig a th’ air tourniquet?’ thuirt cuideigin. ‘Dè a’ Ghàidhlig a th’ air banana?’ thuirt tè ’s i a’ suaineadh tè de theipichean a’ BhBC mu mo ghàirdean. ‘Casg fala . . . sin tourniquet.’ ‘Sin a tha sinne feumach air an-diugh fhèin,’ arsa mi fhìn ’s mi rudeigin aotrom a’ faireachdainn. ‘Casg fala.’ Bha mi aotrom a’ faireachdainn, oir bha iad air plum ruma dubh a chur an ceann a’ chofaidh. ‘Faire, faire,’ arsa mi fhìn, ‘tha fear na shìneadh tosdach glè fhaisg dhuinn san achadh-chogaidh a bha gu math geallmhor air an ruma dhubh.’ Ach ciamar a bhiodh fios acasan cò thuige a bha mi ag iarraidh? ‘’Eil thu deis gus a dhol air an èadhar?’ thuirt fear rium. ‘Air an èadhar?’ arsa mise. ‘Aidh,’ thuirt e, ‘’s tusa a’ chiad veteran.’ ‘Coma leam dhan an èadhar,’ arsa mi fhìn. ‘Cà’il mise a’ dol air gin a dh’èadhar ’s an diabhal rud a’ dol fhathast.’ Thòisich iad an uair sin ag argamaid nam measg fhèin. Cuid aca ag ràdh gur ann am Beurla a bu chòir dhomh bruidhinn. Son Newsdrive. Aidh.
Shlaod mi mi fhìn a-null gu uinneag an OB ’s sheall mi a-mach. Uill, a dhuine thruaigh, nam faiceadh tu am forgladh ’s am murt a bha siud. Bha mise le mo leth slaodte rium ’s gun eadar mi ’s traoghadh gu bàs ach teip a’ BhBC a bha mum ghàirdean. ‘Uill,’ arsa mise rium fhìn, ’s mi a’ coimhead nan Gàidheal gan sgrios air gach taobh dhen OB Unit. ‘Uill,’ arsa mise rium fhìn a-rithist, mar a bhios duine a’ dèanamh ann an sgeulachd, ‘tha sinn done.’
Anns a’ mhionaid sin bhuail cnap mòr de rudeigin air cliathaich an OB ’s chriothnaich e na bha na bhroinn. ‘Na bugairean,’ dh’èigh fear. ‘Gheall iad nach buaileadh iad sinn . . . ’S fios is cinnt aca nach eil claon-bhàidh againne ri taobh seach taobh . . . G’ eil sinn neutral.’ ‘Chan eil dòigh am Prionnsa fhaighinn son Aithris an Fheasgair,’ dh’èigh tè. ‘’S tha mi airson cuideigin a bhith againn live.’
Thòisich i gam cheasnachadh . . . Dè mo bheachd air an latha . . .? Carson nach tàinig barrachd às na h-Eileanan an Iar? Cha do ghabh i sùim dhe mo ghàirdean idir, ach dh’fhaighnich i dè an ìre dhen bhlàr aig an d’ fhuair mi an t-sùil-dhubh. ‘Fhuair,’ arsa mi fhìn, ‘nuair a thug an Isle of Lewis robhla aiste ’s thàinig gòradh orm ’s bhuail oglach dìobhairt mi, ’s anns a’ mhionaid sin thug fear à Siadar a thurchair a bhith dol seachad dhomh i mar a laigheadh i orm. Aidh,’ arsa mise, ‘sin mar a fhuair mise an t-sùil-dhubh.’ Cha do dh’fhaighnich i an còrr dhomh, ma-thà. ’S an uair sin sàmhchair.
*
Copyright @ Fionnlagh MacLeòid agus Úr-Sgeul/CLÀR, 2008. Gach còir glèidhte.
Èist ri seo air BBC Radio nan Gàidheal! http://www.bbc.co.uk/programmes/b08lkpy0
1 note · View note
sgribhisg · 7 years ago
Link
The Registry of Motor Vehicles, in partnership with Gaelic Affairs, has developed a new Gaelic flag licence plate celebrating the Gaelic language, culture and identity of Nova Scotia. The plate features the symbol of the Gaels in Nova Scotia with the words ALBA NUADH at the bottom.
3 notes · View notes
sgribhisg · 7 years ago
Link
15 notes · View notes
sgribhisg · 7 years ago
Link
5 notes · View notes
sgribhisg · 7 years ago
Link
1 note · View note
anarchotolkienist · 4 years ago
Text
Good to hear about the offering of a Gaelic job in Harris not directly connected to the language (i.e. not as language officer or teacher). A real shame that it's such a rare occurrence as to occasion being celebrated, passed around as fantastic news, and causing not one but two articles on BBC Naidheachdan.
15 notes · View notes
sgribhisg · 5 years ago
Link
5 notes · View notes
anarchotolkienist · 4 years ago
Link
Cha bhi sin annasach dhuinn a chùimeas sùil gheur air stàit agus coimhearsnachdan Gàidhlig, ach tha feum againn nist air atharraichean mòra agus an-dràsta, air neo, bidh e ro fhadalach dhi.
2 notes · View notes
sgribhisg · 5 years ago
Link
1 note · View note