#COMASACH
Explore tagged Tumblr posts
mackechniehouse · 2 years ago
Text
The 11 Best Metal Bed Frame For Heavy Person - Top Picks
1 note · View note
anarchotolkienist · 1 year ago
Text
Bidh ceannard ùr aig Bòrd na Gàidhlig - bana-Èirisgeach a tha fuireachd ann an Leòdhas agus a tha dol a dh'fhuireachd ann an Leòdhas is i na ceannard. Samhla gu math dòchasach a tha sin, saoilidh mi. Tha e faireachdainn dhomhsa co-dhiù mar 's gu bheil beachdan dhaoine air atharrachadh a thaobh poileasaidh na Gàidhlig, mean air mhean - is gann gun tachair thu air daoine a tha taiceil dhan mhodal a th' againn an-dràsta, co-dhiù, agus tha mi an dòchas gum bi sin a' ciallachadh gum faigh sinn atharrachadh.
4 notes · View notes
willcodehtmlforfood · 10 months ago
Text
"The safety guardrails preventing OpenAI's GPT-4 from spewing harmful text can be easily bypassed by translating prompts into uncommon languages – such as Zulu, Scots Gaelic, or Hmong."
@sztupy
284 notes · View notes
sgrobailancoiseam · 2 years ago
Text
Griogar Samnha
Dhùisg Griogar beag madainn Samhna agus lorg gun robh e air an mullach-seòmair.   Bha ochd casan molacha aig, sùilean gun cunnt, agus cnatan sticeach anns a' bhrù.   Thàinig eagal air.   B'ar le a chairdean gun robh Griogair a' mealladh 'son farpaise culaidhe-choimheache. Cha robh comasach dha dhol ris an sgoil!
50faclan-ficsean
________________
dhìochuimhnich mi seo san Dàmhair.  Meallaibh e a-nis.
2 notes · View notes
relnicht · 8 months ago
Text
like tha mi tuigsinn carson nach eil mi dà-chànanach dha-rìreabh leis nach eil gin de mo phàrantan fileanta fileanta ann an cànan sam bith a bharrachd air an Duitsis agus nuair a bha mise òg cha deach daoine a thogail le cànanan a bharrachd ach nam b' e sin ciad chànan am pàrantan, like cha deach daoine a thogail le cànanan eile dìreach a chionn 's gu bheil dà-chànanas math no càil mar sin, ach b' fheàrr leam gun robh, chan ann a-mhàin a chionn 's gum bithinn nas fileanta anns a' bheurla no fileanta/comasach air còmhradh ann an cànan eile, ach cuideachd a chionn 's gum biodh e na b' fhasa dhomh switchigeadh bho chànan gu cànan? sin an rud as motha a mhothaicheas mi (a bharrachd air nach eil a' Ghàidhlig agus a' Bheurla a' faireachdainn buileach comhfhurtail na mo bheul) nam bheatha làitheil: gu bheil e nas dorra dhòmhsa switchigeadh bho chànan gu cànan na tha e dha daoine eile (m.e. ma bhios mi a' bruidhinn sa Ghàidhlig ri cuideigin agus an uair sin sa Bheurla ri cuideigin eile sa bhad às dèidh sin, bidh mi a' measgachadh beurla is gàidhlig gun deòin ach dìreach a chionn 's nach eil m' eanchainn cleachdte ris, leis nach do dh'ionnsaich mi beurla gus an robh mi 11 bliadhna agus cha robh mi really ann an suidheachadh dà/ioma-chànanach gus an robh mi 18 bliadhna
0 notes
jubaer01 · 10 months ago
Text
CAMBODIA Easy and Simple Cambodian Visa
Cambodian Visa Application Center - Ionad Iarrtais Visa Cambodian airson Visa Turasachd is Gnìomhachais
Tumblr media
Address : 2-4 Donegall Pl, Belfast BT1 5BA, United Kingdom
Phone : +44 28 9031 1600
Website : https://www.cambodianvisa.org/gd/visa/
Business Hours : 24/7/365
Owner / Official Contact Name :Bopha Dara  Amara
Description :Bidh Cambodia a’ cur fàilte air luchd-tadhail bho gach dùthaich gus Visa Dealanach no eVisa a chuir a-steach ma tha iad à dùthchannan gun Visa. Tha eVisa dligheach airson saoranaich nan dùthchannan sin a tha saor bho bhìosa. Gheibh thu inntrigeadh suas ri 30 latha ann an Cambodia le Cambodia eVisa no Ùghdarras Siubhail Dealanach, leigidh seo leis an luchd-turais tadhal air caraidean, teaghlach no turasan gnìomhachais goirid gu Cambodia. Tha na riatanasan uile rim faighinn air-loidhne. Is e Cead cudromach a tha seo a tha riatanach airson a dhol a-steach gu Cambodia. Le eVisa airson Cambodia, cha leig thu leas tadhal air Ambasaid Rìoghachd Cambodia, no stampa corporra fhaighinn air a’ chead-siubhail. Tha seo gu dearbh na dhòigh luath, sìmplidh, goireasach airson bhìosa dealanach fhaighinn air post-d. Cùm am post-d cead bho Visa dealanach Cambodia a fhuair thu air post-d agus rachaibh dìreach chun phort-adhair. Tha an dòigh-obrach shìmplidh seo gun cuideam air a dhèanamh comasach leis a’ phròiseas air-loidhne. Tha faisg air 150 dùthaich a bharrachd airidh air tadhal air Cambodia air eVisa. Ma tha thu airson tadhal air Cambodia airson còrr air 30 latha, an uairsin agus an uairsin a-mhàin feumaidh tu Visa turasachd cunbhalach a chuir a-steach airson Cambodia aig an ambasaid. Feumaidh do chead-siubhail a bhith dligheach airson 6 mìosan aig àm faighinn a-steach ann an Cambodia agus thèid gabhail ri do phàigheadh ​​​​air-loidhne le cairt fiach no creideas. Tha cead aig dùthchannan a leanas am measg feadhainn eile airson Cambodian Visa Online. Faodaidh tu a bhith an dùil gum bi eVisa airson Cambodia deiseil ann an 3 latha gnìomhachais.  Cambodia welcomes visitors from all countries to apply Electronic Visa or eVisa if they are from Visa Free countries. eVisa is valid for the citizens of those countries who are Visa-Free. You can gain an entry to up to 30 days in Cambodia with Cambodia eVisa or an Electronic Travel Authorisation, this enables the Tourists to visit friends, family or short business trips to Cambodia. All the requirements are available online. This is an important Permit which is mandatory to enter Cambodia. With eVisa for Cambodia, you do not have to visit the Embassy of Kingdom of Cambodia, nor get a physical stamp on the passport. This is indeed a fast, simple, convenient method to acquire electronic visa  by email. Keep the approval email of Cambodia electronic Visa that you received by email and go straight to the airport. This simple, and stress free approch is made possible by the online process. Almost 150 plus countries are elgible to visit Cambodia on eVisa. If you want to visit Cambodia for more than 30 days, then and then only you need to apply regular tourist Visa for Cambodia at the embassy. Your passport must be valid for 6 months at the time of entry in Cambodia and your payment is accepted online by Debit or Credit card. Following countries are allowed amongst others for Cambodian Visa Online. You can expect eVisa for Cambodia to be ready in 3 business days.
0 notes
ourdeepestwoods · 3 years ago
Text
Bha mi a-riamh a ’smaoineachadh, chan eil beatha às do aonais comasach ach tha mi a’ tuigsinn gu bheil e comasach. Agus a-nis is urrainn dhomh a bhith toilichte.
Tumblr media
2 notes · View notes
gaidhlig-tv · 3 years ago
Text
Fios 2022
Thuirt Kathleen Cleaver ann an 1968 - agus tha na faclan aice a cheart cho iomchaidh ann an 2022:
“Remember, like Solomon, there’s a time for everything.”
Tumblr media
Dealbh: Kathleen Cleaver, 1968.
Ann an 2022, chan e #GaelicCrisis a th’ ann, ach cothrom.
Tha fianais làidir ann gu bheil cothrom ann fhathast - do na Gàidheil - a thaobh na meadhanan Gàidhlig.  Chan e a-mhàin a thaobh sianal telebhisein 'traidiseanta’ ach craoladh Gàidhlig anns gach dòigh ùr.  Tha cothrom ann ‘content’ Gàidhlig ùr a chruthachadh  - stuthan de gach seòrsa, ‘short-form content’ agus rudan fada, aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta, air gach seòrsa platform - agus faodaidh iad seo a bhith ag amas air na Gàidheil.   
Ach, mar a tha Aonghas Dubh MacNeacail ag ràdh:  ‘An-dràsta, chan eil adhbhar aig na Gàidheil tionndadh gu BBC Alba’.
Tha beagan obrach ri dhèanamh.  Chan eil an cothrom Gàidhlig seo a’ còrdadh ri cuid dhe na daoine aig ìre-riaghlaidh.  Tha £13m sa bhliadhna aig MG ALBA, agus tha sinn air dearbhadh fhaighinn gu bheil vested interests ag obair nar n-aghaidh.   Tha an saoghal a' gluasad air adhart, ach chan eil na h-ùghdarasan - an Riaghaltas, Ofcom agus MG ALBA nam measg - a' dèanamh gu leòr.  
Tha cothrom ann atharraichean a dhèanamh. Stèidhichte air rannsachadh agus le taic bho eòlaichean, tha sinn air fianais a lorg gu bheil e comasach do chraoladairean tòrr a bharrachd Gàidhlig a thoirt a-staigh air prògraman BhBC Alba agus stuthan-craolaidh MG ALBA, agus gun gabh sin dèanamh gun mhòran chosgais.  Chuidichidh sin le bhith a’ cur stad air na ficheadan de phrògraman le 40%-80% Beurla orra - Beurla ga phiobrachadh a h-aona ghnothach le MG ALBA.
Mholamaid na 'blog posts’ air fad (corr is 100) air gaidhlig.tv a leughadh, gus tuigse fhaighinn air gnothaichean. Na creid a h-uile facal a chluinneas tu bho Ofcom. Na creid an fheadhainn air Twitter agus na meadhanan sòisealta eile aig a bheil vested interest a thaobh status quo.
Tha rathad nas fheàrr ann. Mar a chanas iad (mur eil Gàidhlig agaibh), positive change.  
Mur eil mòran ��ine agaibh - mur eil agaibh ach 3 mionaidean - mholamaid èisteachd ri Aonghas Dubh MacNeacail, aon dhe na luchd-taic againn, is e a’ bruidhinn mu dheidhinn air BBC Radio nan Gàidheal. Tha Aonghas Dubh a’ faighinn gu crìdhe gnothaich.  “Chan eil aobhar aig Gàidheil tionndadh gu BBC Alba... fhathast”. Tha an audio ri fhaighinn an seo
-
Ann an 2022 - tha cothrom ann. 
(An dealbh gu h-àrd - le taing do American Public Media/American Radio Works; Na briathran - K. Cleaver: Toradh Bobby Hutton 12/04/1968)
Tha diofar dhaoine a’ cur taic ri gaidhlig.tv leithid Tove Skutnabb-Kangas, Robert Phillipson, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Ishi NicIlleathain, Aonghas Dubh MacNeacail, Robbie Anndra NicLeòid, Seimon Brooks anns a’ Chuimrigh agus Lisa Storey. Tha leithid Pat Kane air taic a thoirt don iomairt cuideachd.  Chan eil sinn ceangailte ri partaidh poilitigeach.  Tha sinn ag obair gu saor-thoileach.  Chan eil sgillinn ruadh againn. Tha sinn gu mòr an comain eòlaichean mar Eithne O’Connell agus feadhainn taobh a-staigh a’ BhBC (a tha faiceallach a thaobh bruidhinn a-mach: eagal ’s gun caill iad an cuid obraichean) a thaobh comhairle.  Cumaibh taic rinn cuideachd! @gaidhligtv
Tuilleadh fiosrachaidh mar deidhinn an seo
Agus tha fiosrachadh mionaideach an seo bho  cho-labhairt ann an Oilthigh Dhùn Èideann. 
Cuidichibh!
5 notes · View notes
medaler602 · 2 years ago
Text
Chomharraich ceannard Coimisean Afta Buidheann Nasr na
Chomharraich ceannard Coimisean Afta Buidheann Nasr na tachartasan tèarainteachd anns na beagan làithean agus na seachdainean a dh’ fhalbh agus chuir e às leth so-leòntachd bhuidhnean agus neo-èifeachdas ceumannan dìon an aghaidh nan tachartasan sin. Thuirt e a thaobh seo:
Tha tachartasan tèarainteachd o chionn ghoirid air sealltainn gu bheil na tha air a chuir an gnìomh ann am buidhnean mar thèarainteachd bun-structair agus smachdan riatanach a’ dearbhadh neo-èifeachdas gnìomhachd agus gu bheil mòran so-leòntachd ann. Tha na tachartasan a sheall nach e a-mhàin ceumannan dìon iomchaidh air an gabhail ann an facebook raon tèarainteachd fiosrachaidh, nach deach ceumannan ceartachaidh riatanach a ghabhail cuideachd agus tha e comasach fhathast tachartasan mar sin tachairt a-rithist.
0 notes
sgribhisg · 7 years ago
Photo
Tumblr media
An-diugh tha an 100mh ceann-bliadhna de bhoireannaich a tha comasach bhòtadh. Seo beagan briathrachas airson a' cheann-bliadhna.
Fuaim le Learn Gaelic
guth-taghaidh – suffrage : http://bit.ly/2GT1oPC còir-bhòtaidh – suffrage : http://bit.ly/2Epm83e còir-bhòtaidh uile-choitcheann - universal suffrage : http://bit.ly/2BICNxD clàradh luchd-bhòtaidh - voter registration cuir bhòt - cast a vote : http://bit.ly/2BZBINC taghadh – election : http://bit.ly/2EM1qrV neach-taghaidh – voter : http://bit.ly/2BIaAqz bhòtaichean do bhoireannaich - votes for women
10 notes · View notes
mackechniehouse · 2 years ago
Text
The Best Simple Platform Bed - ( Top Choice)
1 note · View note
anarchotolkienist · 2 years ago
Note
French and English are both pigshit garbage languages spoken primarily by societies built on the backs of genocide and slavery, and you know what? So is Swedish, you fucking mutt, alongside the rest of the Scandinavian puke you people up north call a language.
Bheil thu smaointinn gun tèid mise an aghaidh sin, amadain gun sgot? Is e na chuireas dragh orm nuair a bhios luchd na Beurla a' feuchainn ri dèanamh a-mach mar 's gu bheil iad fhèin nas fheàrr dheth na na Frangaich air adhbhar sam bith, nuair nach eil idir. A mhic fhìrein, bheil e idir comasach dhut smaointinn gum faodadh duine rudeigin a ràdh gun a bhith feuchainn ri innse cho math is a tha e fhèin, seach dìreach a bhith coimhead ris an rud a thuirt e is a mheasadh air sin? Tha mi 'n dòchas gum faigh thu an cothrom fàs suas uaireigin nad bheatha thruagh, ach chan eil fios agam, oir is e teachdaireachd gu math leabaideach a tha seo.
12 notes · View notes
misneachdalba · 4 years ago
Text
ATHCHUINGE SPÒRS GÀIDHLIG
Misneachd a’ fàilteachadh beachdan bhall-pàrlamaid air Spòrs Gàidhlig Ann an 2019 thàinig am follais gu robh Spòrs Gàidhlig ann an cunnart dùnadh air sàillibh ’s gu robh nas lugha de dh’ùidh aig sgoiltean na bhathas an dòchas.
Chaidh a’ bhuidheann a shàbhaladh airson greis eile le airgead a bharrachd bho Bhòrd na Gàidhlig, ach chan eil aonta seasmhach ann fhathast airson a’ bhuidheann a chumail a’ dol san ùine fhada.
Nochd athchuinge Misneachd mun chuspair seo aig trì coinneamhan de Chomataidh Athchuingean Poblach Pàrlamaid na h-Alba eadar Lùnasdal 2020 agus Faoilleach 2021, nuair a chaidh a dùnadh ach le moladh gum bite a’ coimhead às ùr air a’ chùis ma bhios feum.
Thuirt Misneachd mar fhreagairt:
“Tha sinn taingeil do bhuill na comataidh anns a’ Phàrlamaid a bhios a’ coimhead air athchuingean poblach airson cuspair Spòrs Gàidhlig a sgrùdadh thairis air a’ bhliadhna ’s a chaidh.
Chaidh aca air freagairtean fhaighinn bho dhiofar bhuidhnean, a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Còmhdhail nan Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba (COSLA), agus Comunn na Gàidhlig, a bhios a’ ruith Spòrs Gàidhlig fhèin. Tha seo air a bhith feumail ann a bhith a’ cumail a’ chuspair fo aire nam buidhnean agus an t-sluaigh.
Tha sinn toilichte gun do dh’aithnich buill na comataidh agus na diofar bhuidhnean a thug seachad freagairtean cho cudromach ’s a tha e gum bithear a’ brosnachadh bhuidhnean mar Spòrs Gàidhlig, agus cho cudromach ’s a tha e gum bi cothroman aig daoine òga Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg.
Ged a chaidh an athchuinge seo cho fad ’s as urrainn dhi an-dràsta, thuirt cathraiche na comataidh gum biodh fàilte ro athchuinge a bharrachd air a’ chuspair seo ma bhios sinn a’ faireachdainn nach eil adhartas gu leòr air a bhith ann, agus bidh Misneachd gun teagamh a’ cumail sùil gheur air a’ chùis.
Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ dèanamh co-dhùnadh eile air maoineachadh do Spòrs Gàidhlig anns a’ Mhàrt, agus tha sinn an dòchas gun tig aonta ùine-fhada le taic bhon Riaghaltas às dèidh an taghaidh sa Chèitean.
Tha an cuspair seo cudromach air diofar adhbharan
a) Tha cothroman Gàidhlig a chleachdadh ann an diofar cho-theacsaichean gu math prìseil dhan òigridh.
b) Feumaidh dreuchdan ann an saoghal na Gàidhlig a bhith leantainneach agus tarraingeach – bu chòir do luchd-obrach Spòrs Gàidhlig a bhith cinnteach gum bi obair aca san àm ri tighinn, agus bu chòir barrachd cothroman-obrach a chruthachadh.
c) Tha sinn feumach air adhartas gus seirbhisean Gàidhlig a neartachadh agus a leudachadh – seach ar neart a chosg air na th’ againn mar-thà a dhìon far na tìde.
Tha sinn an dòchas gum bi Spòrs Gàidhlig comasach seasamh air a chasan fhèin a thaobh maoineachaidh cho fad ’s as urrainn dhaibh, agus feumaidh ùghdarrasan ionadail is sgoiltean na seirbhisean aca a chur gu feum.
Aig an aon àm, feumar aithneachadh gu bheil e ceart is iomchaidh gum bi buidhnean Gàidhlig a’ faighinn airgead poblach. Feumaidh toil phoilitigeach a bhith ann airson iomairtean a chumail a’ dol, ged nach biodh iad ‘co-fharpaiseach’ anns a’ mhargadh shaor, ma tha sinn a’ faicinn luach ann am mion-chànain a dhìon.
Tha sinn taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson Spòrs Gàidhlig agus buidhnean eile a chumail a’ dol gu h-àraid tron phandemic. Ach airson adhartas dha-rìribh a dhèanamh gus iomairtean mar Spòrs Gàidhlig a dhèanamh seasmhach, thathar feumach air ceannardas, agus maoineachadh, bhon Riaghaltas.”
0 notes
simpledatainfo · 4 years ago
Text
COMASACH 14 inch Full Bed Frame No Box Spring Needed, 3500 lbs Heavy Duty Metal Platform Bed Frames, Non-Slip and Noise-Free Mattress Foundation, Black
COMASACH 14 inch Full Bed Frame No Box Spring Needed, 3500 lbs Heavy Duty Metal Platform Bed Frames, Non-Slip and Noise-Free Mattress Foundation, Black
Tumblr media
View On WordPress
0 notes
toseektoknoww · 7 years ago
Text
Tumblr media
Dia dè an leanabh fucking. Tha e na dhuilgheadas agus nach eil e comasach dha a bhith ann? Ciamar a dh 'fhaodadh duine sam bith a bhith a' toirt taic dha? Ugh.
1 note · View note
gaidhlig-tv · 4 years ago
Photo
Tumblr media
ANN AN 2022, RIATANACH FHATHAST. OPPORTUNITY FOR CHANGE.
“Chan eil mi a’ coimhead air tbh sa Ghàidhlig airson Beurla a leughadh." Robbie Andrew MacLeòid - mar fhreagairt air MG ALBA
Chaidh bloga ùr MG Alba a sgaoileadh fad is farsaing air mo Twitter agus Facebook ann an 2015. Ged a tha gàidhlig.tv air fìor dheagh fhreagairt sgaoileadh, bu mhath leam fhèin mo ghuth a chur ris agus puing no dhà a thogail. Aig a’ cheann thall, cha deach na prìomh cheistean a tha agam fhèin agus gu leòr eile am freagairt ann am blog MG Alba. Seo agaibh mo bheachdan.
Mar fhreagairt air MG ALBA
Fo ‘Rùn BBC Alba’ tha sgrìobhte sa bhloga MG ALBA: “Tha BBC ALBA ag amas air a bhith a’ frithealadh luchd-cleachdaidh na Gàidhlig mar sheirbheis bhunaiteach agus a bhith feumail bho àm gu àm tron t-seachdain do fheadhainn aig nach eil Gàidhlig.” Ma 's e amas a tha sin, tha sin a’ fàgail nach eil daoine leis a’ Ghàidhlig na phrìomh amas aig MG Alba aig amannan tron t-seachdain. Tha na ceudan sianailean [Beurla] ag amas air a bhith feumail, an-còmhnaidh, don fheadhainn aig nach eil a’ Ghàidhlig. Tha gach sianail eile san t-saoghal ag amas air daoine aig nach eil a’ Ghàidhlig. Chan eil mi a’ coimhead air BBC Alba, air TBh sa Ghàidhlig, airson Beurla a chluinntinn agus a leughadh.
Tha bloga MG Alba a’ tòiseachadh na tha aca ri ràdh mu fho-thiotalan le: “Chan eil fo thiotalan sam bith air naidheachdan no prògraman chloinne – prògraman bunaiteach do Ghàidheil - agus chan eil iad air spòrs nas motha.” Ach, mar a tha air aideachadh ann am bloga MG ALBA fhèin nas fhaide air adhart, cha bhiodh an dùil ri fo-thiotalan a-rìamh air naidheachdan no spòrs a tha beò. Agus thathar a’ bruidhinn sa Bheurla tro phrògraman spòrs co-dhiù. Bheil iad son fo-thiotalan a chur air a’ Bheurla? Chan eil fo-thiotalan sam bith air prògraman chloinne, tha MG ALBA ag ràdh. Uill, cha chreid mi gun tèid aig luchd-amhairc Pheppa Pig air fo-thiotalan a leughadh ann an cànan sam bith! Feumaidh mi ràdh gur e na tha fo “Carson a tha iad loisgte a-steach?” a tha dhà-rìreabh gun chiall. “Tha na fo-thiotalan loisgte a-steach don dealbh gus nach bi cnapan-starra mu choinneimh an luchd-coimhid.” …ach luchd-coimhid leis a’ Ghàidhlig. An e seo e? Chan eil aig MG ALBA ach an aon argamaid seo airson fo-thiotalan Beurla loisgte. Dè mu dhèidhinn fo-thiotalan àbhaisteach, mar a th’ aig iomadach seanail eile: fo-thiotalan a thèid an cur am falach? Tha MG ALBA a' cumail a-mach: “Tha fo-thiotalan [Beurla] eadar-theangachaidh loisgte a-steach san dealbh nas èifeachdaich na fo-thiotalan air falach air cùl na deilbh a tha feumach air inneal-làimh obrachadh airson an toirt am follais air an sgrion.” Feumaidh ’s gu bheil an comas aig a’ mhòr-shluagh inneal làimhe a chleachdadh son TBh a chur air, a chur dheth, agus airson seanailean a thaghadh. Mar sin, chaninn ’s gu deidheadh aca air inneal làimhe a chleachdadh airson na fo-thiotalan a thoirt am follais. A-rithist, tha MG Alba air cnag na cùise a sheachnadh: “Tha iad [fo-thiotalan Beurla loisgte] nan cuideachadh gu h-àraid dhan fheadhainn nach biodh comasach am prògram a leantainn às an aonais, nan luib teaghlaichean far nach eil Gàidhlig aig a h-uile duine.” Cha chreid mi gu bheil mòran ann a tha an aghaidh comas fo-thiotalan (roghainn) a bhith ann idir. Chan ann mu sin a tha a’ mhòr-chuid feargach, ach mun ghainnead taghaidh. “Tha iad [fo-thiotalan Beurla loisgte] mar fhàilte don chànan agus a’ cuideachadh ri bhith togail blàths agus deagh rùn a’ mhòr-shluaigh." ?! “Tha mi fhìn [ceannard MG ALBA] agus – cuiridh mi geall - mo cho-oibrichean an lùib an fheadhainn ris an còrdadh e gu pearsanta nam biodh ar suidheachadh cho treun ’s gum b’ urrainn dèanamh às an aonais.” Dè, suidheachadh na Gàidhlig? Nach eil an dleastanas aca taic a chumail ris a’ Ghàidhlig? “Ach tha fo-thiotalan ann am Beurla a’ fuasgladh ar prògraman gu daoine nach eil fileanta sa chànan agus dh’fhaodadh luach agus buannachd tighinn chun chànain ri linn.” Uill, tha sinn fhathast a’ feitheamh rannsachaidh a dhearbhas a leithid. Cha tug mi an aire dha na mìltean luchd-taic rugbaidh a tha a-nis ag ionnsachadh sa chànan. Ach seall: “Ach, mar a thuirt sinn san aithisg, bu chòir an roghainn a bhith aig an neach-cleachdaidh an cur am falach…” Sin e dìreach! Stadaibh an sin. … “…agus thèid obrachadh air fuasgladh teicnigeach a lorg ma tha e idir comasach.” Ò, agus tha e comasach.
Aig deireadh an latha, tha sinn an dùil gum bi BBC Alba a’ craoladh ann an dòigh a tha iomchaidh agus taiceil dhan a’ Ghàidhlig agus muinntir na Gàidhlig. Thèid fuasgladh teicnigeach a lorg. Tha e comasach a-nis. Carson nach eil e againn? Robbie Andrew MacLeòid - Chaidh an aiste seo a sgrìobhadh an toiseach le Robbie air Tumblr 14/07/2015 Tha seo ceangailte ri bloga oifigeil MG ALBA, sgrìobhte le Domhnall Caimbeul – Co-chomhairle MG ALBA 2015 agus barrachd air seirbheisean taic airson luchd-coimhid - ri fhaighinn aig mgalba.com Tha rannsachadh a' sealtain gun dean fo-thiotalan Gàidhlig feum do luchd-ionnsachaidh Agus tha rannsachadh ann a tha a' sealtainn mar a nì fo-thiotalan Beurla - mòr-chànan - cron.
Audio
Liza Storey 09/09/2014 - chan e sianal Gàidhlig a th’ ann
Pairt I: Aonghas Dubh MacNeacail 12/12/2014 - ceistean mu BhBC ALBA a' sparadh Beurla oirnn! Sgur dhe!
Mairead Mairi Mhoireach 06/01/2015 - beachd a’ BhBC
Pairt II: Aonghas Dubh MacNeacail 07/01/2015 - còirichean nan Gàidheal
Pàirt III: Aonghas Dubh MacNeacail - Ghetto? Bu chòir nàire a bhith air MG ALBA
3 notes · View notes