Tumgik
#LanguageRights
whiteapple301 · 2 years
Photo
Tumblr media
Language🗣 is the key to the heart of people.👈🏼
0 notes
treefoldinteriors · 2 years
Photo
Tumblr media
Language🗣 is the key to the heart of people.👈🏼
0 notes
mzuhossain · 7 months
Text
Tumblr media
Happy International Mother Language Day! We Need To Pray for Our Martyrs Allah Subhanawatala Give Their To Jannatul Ferdous. They was Leaved Their Life For Mother Language. The All Martyrs Memorable To Our Heart. #MotherLanguageDay��#languagerights
#Bangladesh
0 notes
gaidhlig-tv · 3 years
Text
Fios 2022
Thuirt Kathleen Cleaver ann an 1968 - agus tha na faclan aice a cheart cho iomchaidh ann an 2022:
“Remember, like Solomon, there’s a time for everything.”
Tumblr media
Dealbh: Kathleen Cleaver, 1968.
Ann an 2022, chan e #GaelicCrisis a th’ ann, ach cothrom.
Tha fianais làidir ann gu bheil cothrom ann fhathast - do na Gàidheil - a thaobh na meadhanan Gàidhlig.  Chan e a-mhàin a thaobh sianal telebhisein 'traidiseanta’ ach craoladh Gàidhlig anns gach dòigh ùr.  Tha cothrom ann ‘content’ Gàidhlig ùr a chruthachadh  - stuthan de gach seòrsa, ‘short-form content’ agus rudan fada, aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta, air gach seòrsa platform - agus faodaidh iad seo a bhith ag amas air na Gàidheil.   
Ach, mar a tha Aonghas Dubh MacNeacail ag ràdh:  ‘An-dràsta, chan eil adhbhar aig na Gàidheil tionndadh gu BBC Alba’.
Tha beagan obrach ri dhèanamh.  Chan eil an cothrom Gàidhlig seo a’ còrdadh ri cuid dhe na daoine aig ìre-riaghlaidh.  Tha £13m sa bhliadhna aig MG ALBA, agus tha sinn air dearbhadh fhaighinn gu bheil vested interests ag obair nar n-aghaidh.   Tha an saoghal a' gluasad air adhart, ach chan eil na h-ùghdarasan - an Riaghaltas, Ofcom agus MG ALBA nam measg - a' dèanamh gu leòr.  
Tha cothrom ann atharraichean a dhèanamh. Stèidhichte air rannsachadh agus le taic bho eòlaichean, tha sinn air fianais a lorg gu bheil e comasach do chraoladairean tòrr a bharrachd Gàidhlig a thoirt a-staigh air prògraman BhBC Alba agus stuthan-craolaidh MG ALBA, agus gun gabh sin dèanamh gun mhòran chosgais.  Chuidichidh sin le bhith a’ cur stad air na ficheadan de phrògraman le 40%-80% Beurla orra - Beurla ga phiobrachadh a h-aona ghnothach le MG ALBA.
Mholamaid na 'blog posts’ air fad (corr is 100) air gaidhlig.tv a leughadh, gus tuigse fhaighinn air gnothaichean. Na creid a h-uile facal a chluinneas tu bho Ofcom. Na creid an fheadhainn air Twitter agus na meadhanan sòisealta eile aig a bheil vested interest a thaobh status quo.
Tha rathad nas fheàrr ann. Mar a chanas iad (mur eil Gàidhlig agaibh), positive change.  
Mur eil mòran ùine agaibh - mur eil agaibh ach 3 mionaidean - mholamaid èisteachd ri Aonghas Dubh MacNeacail, aon dhe na luchd-taic againn, is e a’ bruidhinn mu dheidhinn air BBC Radio nan Gàidheal. Tha Aonghas Dubh a’ faighinn gu crìdhe gnothaich.  “Chan eil aobhar aig Gàidheil tionndadh gu BBC Alba... fhathast”. Tha an audio ri fhaighinn an seo
-
Ann an 2022 - tha cothrom ann. 
(An dealbh gu h-àrd - le taing do American Public Media/American Radio Works; Na briathran - K. Cleaver: Toradh Bobby Hutton 12/04/1968)
Tha diofar dhaoine a’ cur taic ri gaidhlig.tv leithid Tove Skutnabb-Kangas, Robert Phillipson, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Ishi NicIlleathain, Aonghas Dubh MacNeacail, Robbie Anndra NicLeòid, Seimon Brooks anns a’ Chuimrigh agus Lisa Storey. Tha leithid Pat Kane air taic a thoirt don iomairt cuideachd.  Chan eil sinn ceangailte ri partaidh poilitigeach.  Tha sinn ag obair gu saor-thoileach.  Chan eil sgillinn ruadh againn. Tha sinn gu mòr an comain eòlaichean mar Eithne O’Connell agus feadhainn taobh a-staigh a’ BhBC (a tha faiceallach a thaobh bruidhinn a-mach: eagal ’s gun caill iad an cuid obraichean) a thaobh comhairle.  Cumaibh taic rinn cuideachd! @gaidhligtv
Tuilleadh fiosrachaidh mar deidhinn an seo
Agus tha fiosrachadh mionaideach an seo bho  cho-labhairt ann an Oilthigh Dhùn Èideann. 
Cuidichibh!
5 notes · View notes