#A' Chèitean
Explore tagged Tumblr posts
sgribhisg · 4 years ago
Photo
Tumblr media
TAGH DO CHOMHLUADAR MA'N TAGH THU DO DHEOCH
󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿
[Choose your company before you choose your drink.]
Bhon leabhar le T. D. MacDonald, "𝘎𝘢𝘦𝘭𝘪𝘤 𝘗𝘳𝘰𝘷𝘦𝘳𝘣𝘴 𝘢𝘯𝘥 𝘗𝘳𝘰𝘷𝘦𝘳𝘣𝘪𝘢𝘭 𝘚𝘢𝘺𝘪𝘯𝘨𝘴"
Instagram
20 notes · View notes
misneachdalba · 4 years ago
Text
ATHCHUINGE SPÒRS GÀIDHLIG
Misneachd a’ fàilteachadh beachdan bhall-pàrlamaid air Spòrs Gàidhlig Ann an 2019 thàinig am follais gu robh Spòrs Gàidhlig ann an cunnart dùnadh air sàillibh ’s gu robh nas lugha de dh’ùidh aig sgoiltean na bhathas an dòchas.
Chaidh a’ bhuidheann a shàbhaladh airson greis eile le airgead a bharrachd bho Bhòrd na Gàidhlig, ach chan eil aonta seasmhach ann fhathast airson a’ bhuidheann a chumail a’ dol san ùine fhada.
Nochd athchuinge Misneachd mun chuspair seo aig trì coinneamhan de Chomataidh Athchuingean Poblach Pàrlamaid na h-Alba eadar Lùnasdal 2020 agus Faoilleach 2021, nuair a chaidh a dùnadh ach le moladh gum bite a’ coimhead às ùr air a’ chùis ma bhios feum.
Thuirt Misneachd mar fhreagairt:
“Tha sinn taingeil do bhuill na comataidh anns a’ Phàrlamaid a bhios a’ coimhead air athchuingean poblach airson cuspair Spòrs Gàidhlig a sgrùdadh thairis air a’ bhliadhna ’s a chaidh.
Chaidh aca air freagairtean fhaighinn bho dhiofar bhuidhnean, a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Còmhdhail nan Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba (COSLA), agus Comunn na Gàidhlig, a bhios a’ ruith Spòrs Gàidhlig fhèin. Tha seo air a bhith feumail ann a bhith a’ cumail a’ chuspair fo aire nam buidhnean agus an t-sluaigh.
Tha sinn toilichte gun do dh’aithnich buill na comataidh agus na diofar bhuidhnean a thug seachad freagairtean cho cudromach ’s a tha e gum bithear a’ brosnachadh bhuidhnean mar Spòrs Gàidhlig, agus cho cudromach ’s a tha e gum bi cothroman aig daoine òga Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg.
Ged a chaidh an athchuinge seo cho fad ’s as urrainn dhi an-dràsta, thuirt cathraiche na comataidh gum biodh fàilte ro athchuinge a bharrachd air a’ chuspair seo ma bhios sinn a’ faireachdainn nach eil adhartas gu leòr air a bhith ann, agus bidh Misneachd gun teagamh a’ cumail sùil gheur air a’ chùis.
Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ dèanamh co-dhùnadh eile air maoineachadh do Spòrs Gàidhlig anns a’ Mhàrt, agus tha sinn an dòchas gun tig aonta ùine-fhada le taic bhon Riaghaltas às dèidh an taghaidh sa Chèitean.
Tha an cuspair seo cudromach air diofar adhbharan
a) Tha cothroman Gàidhlig a chleachdadh ann an diofar cho-theacsaichean gu math prìseil dhan òigridh.
b) Feumaidh dreuchdan ann an saoghal na Gàidhlig a bhith leantainneach agus tarraingeach – bu chòir do luchd-obrach Spòrs Gàidhlig a bhith cinnteach gum bi obair aca san àm ri tighinn, agus bu chòir barrachd cothroman-obrach a chruthachadh.
c) Tha sinn feumach air adhartas gus seirbhisean Gàidhlig a neartachadh agus a leudachadh – seach ar neart a chosg air na th’ againn mar-thà a dhìon far na tìde.
Tha sinn an dòchas gum bi Spòrs Gàidhlig comasach seasamh air a chasan fhèin a thaobh maoineachaidh cho fad ’s as urrainn dhaibh, agus feumaidh ùghdarrasan ionadail is sgoiltean na seirbhisean aca a chur gu feum.
Aig an aon àm, feumar aithneachadh gu bheil e ceart is iomchaidh gum bi buidhnean Gàidhlig a’ faighinn airgead poblach. Feumaidh toil phoilitigeach a bhith ann airson iomairtean a chumail a’ dol, ged nach biodh iad ‘co-fharpaiseach’ anns a’ mhargadh shaor, ma tha sinn a’ faicinn luach ann am mion-chànain a dhìon.
Tha sinn taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson Spòrs Gàidhlig agus buidhnean eile a chumail a’ dol gu h-àraid tron phandemic. Ach airson adhartas dha-rìribh a dhèanamh gus iomairtean mar Spòrs Gàidhlig a dhèanamh seasmhach, thathar feumach air ceannardas, agus maoineachadh, bhon Riaghaltas.”
0 notes
sgribhisg · 4 years ago
Photo
Tumblr media
GLÒIR MHILLIS A MHEALLAS AN T-AMADAN.
[Sweet words beguile a fool.]
󠁧󠁢󠁥󠁮󠁧󠁿
Bhon leabhar le T. D. MacDonald, "Gaelic Proverbs and Proverbial Sayings"
https://www.instagram.com/p/COqBmMOr2x8/?igshid=2vqefvzdbn8t
6 notes · View notes
sgribhisg · 8 years ago
Photo
Tumblr media
Facal an Latha / Word of the Day
LATHA BUIDHE BEALLTAINN fuaim/audio bit.ly/1uY0ovY
A’ chiad latha den Chèitean Bha daoine den bheachd gur e toiseach an t-samhraidh a bh’ ann
The Yellow Day of Beltaine, the first of May. People believed that this symbolised the start of summer. bho: @learngaelic
13 notes · View notes